Skip to main content

‹‹‹ prev (301) Page 281Page 281

(303) next ››› Page 283Page 283

(302) Page 282 -
282 Nddur a? Mheorachaidh Nèamhaidh
baoth-chreidimh,* feuch nach saoil thu gu'm bheil
diadhachd air-bith anns an àm fèin. Is callaid, no
balla-dion do dhleasanas, àm suidhichte. Is tekrmunn
è fòs an aghaidh iomadh buairidh agus dearmaid. Is
lionmhor iadsan aig nach 'eil an ùin 'n an làimh fein,
agus an lorg sin cha n-urrainn iad uair a shuidheach-
adh, a°ps tha mòran eile clio bochd as nach ceadaich
easbhnidhean an crannchuir dlioibh an t-saorsa so a
ghabhail. Ach bitheadh muinntir mar sin gu caith-
riseach ag ath-cheannach na h-aimsir, agus a' glacadh
gach mionaid a's urrainn iad, agus a' deanamh greim
air gach fath-chothrom a thuiteas amach, gu h-àraid,
cuimhnicheadh iad meòrachadh goirid a dheanamh
maille ri ùrnuigh, 'nuair a bhitheas iad air ceànn an
gairmean laghail, no ri obair. Ach cuimhnicheadh
iadsan uile aig am bheil an tim 'n an làimh fèin, agus
iadsan a dh-fhaodas, ma's àill leo, uair a' mheòrachaidh
a ghlacadh gach là, an dleasanas so a dheanamh air
dm suidhichte. Ma nithear obair gach Ik gu riaghailt-
each air a h-km fein, is arm a's feàrr a gheibh sinn
comas agus eòlas air iiin a dheadh-ghnàthachadh, agus
air ar dleasanas a choimhlionadh gu ceart.
2. Bitheadh am meòrachadh so bidheanta cho maith
ri suidhichte. Ach cia trie is còir dhk 'bhith, sin ni
nach urrainnear a ràdh, a chionn nach ionann cor, no
crannchur do na h-uile dhaoinibh. Ach tha è soilleir
o theagasg an Sgriobtuir gur còir a dheanamh trie.
Tha'n Sgriobtuir a' labhairt air " smuaineachadh (no
meòrachadh) a là agus a dh' oidhche." Air an aobh;tr
sin, is còir do gach cridhe meòrachadh air Dia gach là,
do re"ir an tomhais anns an ceadaich ìùn dhà. Faod-
aidh cuid, iadsan a' smò cothrom, a bhi na's bidheanta ris
an dleasanas so, na cuid eile, ach cha n-'eil neach sam-bith
ami nach f haod beagan iiine, — beagan mhionaidean, — a
bhuileachadh air gach là, geda b'ann aig obair an ach-
* Is è Baoth-chreidimh no saobh-chreidimh {superstition,) a bhi
Yreidsinn ann an ni nach 'eil idir ann, mar tha buitseuchd. taibhsean'us
giseagan eile gun bhrlgh, gun chomas, anns am bi creutaireau aineol-
ach a' creidsinn. Is è aineolas 'us eagal a bhitheas a' toirt air muinnur
creidsinn aim an nitliibh faoin mar sin, cumhaehd nach 'eil idir ann, no
aig nach 'eilbonn air-bith, ach iiamh nah-inntinn aineolaich. — Easta.r.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence