Skip to main content

‹‹‹ prev (290) Page 270Page 270

(292) next ››› Page 272Page 272

(291) Page 271 -
a choimliead air thalamh. 271
'f hosgladh,agus sealltuinn fòs ann an leabhar in Or nàduir
agus an fhreasdail mu-n-ouairt duit, agus lèughadh
ànnta sin mu Dhia agus mu ghlòir. Na'n cleachdamaid
sinn-fèin mar so ri cuimhneachadh air ar fois, dh-f haod-
amaid blasad air Criosd agus air nèamh, aig gach
trà cumanta, aim an tomhas na's mò na bhlaiseas a r
mhòr chuid de dhaoinibh aig bòrd na sàcramaid. Ma
shoirbhicheas tu ann do ghnothaichean aimsireil, dean-
adh sin do chridhe na's cuimhniche air do shoirbheach-
adh siorruidh. Ma tha thu sgith le obair, deanadh sin
do smuaintean air d'fhois shiorruidh na's milse dhuit
Ma bhitheas cùisean a' dol 'n a d' aghaidh, 'us tu air do
shàrachadh leo, deanadh sin do mhiann na's diirachaiche
chum crìoch, 'f haicinn gu bràth air gach trioblaid agus
bròn. Am bheil do chorp air 'ùrachadh le biadh agus
cadal ? cuimhnich air an urachadh do-mheasraichte
sin a gheibhear maille ri Criosd. 'Nuair a chluinneas
tu deadh sgèul, cuimhnich cia aoibhneach, ait an sgèul,
trompaid Dhè, agusfàilt mholaidh Chriosd a chluinntinn.
'Nuair a gheibh thu mòr tliaitneas ann an cuideachd
neo-iomlain nan naomh air thalamh, cuimhnich air a'
chuideachd iomlain a bhitheas air nèamh. 'Nuair a
gheibh thu do spiorad air a bheothachadh le Dia,
cuimhnich air am do mhòr àrdachaidh, 'nuair a bhitheas
do cho-chomnnn ri Dia agus d'aoibhneas sàr làn.
'Nuair a chluinneas tu buaireas garg nan aingidh, agus
aimhreit an t-saoghail, cuimhnich air a' chòrdadh mhilis,
bheannaichte sin a ta air nèamh. 'Nuair a chluinneas
tu stoirm atmhor, gharg a' chogaidh, cuimhnich air an
là sin air am bi thu-fèin ann an làn shìth gu bràth fo
sgiathaibh " Prionnsa na sithe." Mar sin bheir gach
uair, cor 'us crèutair comas dhuinn cuimhneachadh air
a' bheatha nèamhaidh, ma's kill leinn ar cridheachan a'
shocrachadh air fèum a dheanamh dhiubh.
7. Bi trie ri obair nèamhaidh a' mholaidh. Mar a's
nèamhaidh d'obair, is ann a's nèamhaidh a bhitheas do
spiorad. Is è moladh Dhè, obair nan aingeal agus nan
naomh air nèamh, agus is ì sin an obair a bhitheas
againn-ne gu siorruidh, agus na'n robh sinn na's trice
ris an obair so an diugh, is aim bu choltaiche 'bhith-
eamaid ris an staid anns am bi sinn air neamh. Is è-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence