Skip to main content

‹‹‹ prev (252) Page 232Page 232

(254) next ››› Page 234Page 234

(253) Page 233 -
a choimhead air tlialamh. 233
iochdar an t-sleibh, ag ith 's ag òl, ag èirigh 's a' sug-
radh, agus 'g an truailleadh fe"in an làthair an iodhoil, —
an laogh òir a rinn ìad dhoibh-fèin, — cha bi sin idir an
obair a bha aig Maois shuas air an t-sliabh. na'n
gleidheamaid an còmhnuidh bias milis, taitneach nan
nithe a ta shuas, ùr agus beò ann ar n-anamaibh, is
suarach a thilgeamaid uainn greimean meallaidh a'
pheacaidh !
A bhàrr air sin, am feadh a bhitheas an cridhe
suidhichte air nèamh, tha duine fo theàrmunn Dhe\
Ma bhuaileas Sàtan òirnn air an àm sin, tha Dia na's
fhaisge dhuinn a chum ar dion, agus gu cinnteach
seasaidh è dlùth dhuinn, ag ràdh ris gach aon dhinn,
" Is leòir mo ghràs-sa dhuit." 'Nuair a tha neach ag
iarraidh beannachd Dhè, is ann a's lugha 'chunnart a
bhi air a mhealladh leis a' pheacadh. Anis, a Chriosd-
uidh, so dhuit didean cumhachdach an aghaidh gach
buairidh, — leigheas maith an aghaidh gach brosnachaidh,
— cum dluth ri Dia le ìnntinn nèamhaidh. Bi maille
ri Criosd, a' smuaineachadh air na nithibh a ta shuas.
Sin cuideachadh is cinntiche dhuit a's urrainn thu
'fhaotuinn. " Tha slighe na beatha shuas do'n duine
ghlic, chum dol £s o ifrinn shìos." Gnàth. 15. 24.
Cuimhnich, " bu duine cothromach Nòah, agus iomlan
'n a linn," oir " ghluais è maille ri Dia." Agus thubh-
airt Dia ri Abraham, " Gluais a'm' fhianuis, agus bi
iomlan."
5. 'Nuair a chumas tu do chridhe gu seasmhach air
nèamh, neartaichear do ghrksan uile, agus beothaichear
do dhleasanais uile. Is è an Criosduidh nèamhaidh,
Mn Criosduidh neartmhor, beothail. Is fuar, marbh
ar cridheachan, 'nuair a gheibhear ìad fada bhò nèamh.
Thèid an saighdear ann an cunnart a bheatha, agus
seòlaidh am maraiche tre stoirmibh fiadhaich nan tonn ;
is beag aca sin gach cuis eagail, 'nuair a shaoileas iad
gu'm faighear eadhon ionmhas timeil nach mair ach
goirid. nach bu bheothail, tarbhach oidhirpean a'
Chriosduidh, na'n smuainicheadh è gu trie air an ion-
mhas mhaireannach a ta air a thasgadh dhà air nèamh !
Is mail a gheibhear sinn a' ruith, agus is leisg a gheibhear
sinn a a' deanamh cruaidh spàirn';" agus carson? Direach
u 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence