Skip to main content

‹‹‹ prev (189) Page 169Page 169

(191) next ››› Page 171Page 171

(190) Page 170 -
170 8 è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile
dhol ^s ? nach soirbh dhuit a bhi air do mhealladh ?
agus thusa fathast leisg, lùnndach, dìomhanach gun
chùram, gun saothair ? Ciod a tha thu 'cìallachadh ?
An saoghal a' teicheadh uait : gach taitneas, gach
onoir 'us buannachd a' seargadh às, agus 'g ad' f hàgail :
sìorruidheachd dlùth dhuit ; Dia cothromach 'us èud-
mhor ; a bhagairtean cìnnteach. Bithidh an là mòr
uamhasach. Uin a' ruith 'n a deànn. Do bheatha
neo-ch\nnteach. Thusa fad air dheireadh. Do chor
cunnartach. Ma gheibh thu bàs am màireach, nach
mì-ullamh thu ! Cia mòr an t-uamhas leis an dealaich
d'anam ri do chorp ! Agus nach dean thusa cabhag
anis ? Cuimhnich, tha Dia rè na h-ùine so uile a' feith-
eamh riut. Foighidin Dhia nis a' gìùlain leat ! Fad
fhulangas Dhia nis a' giùlain leat ! Tròcair a' guidhe
ort ! Fuil agus toilltinneas Chriosd 'g an tairgse dhuit !
An Spiorad a' str\ riut ! Do choguis fem a' dìteadh !
Sàtan ag \arraidh do ghlacadh ! Anis, — anis — ards
d'àm, no cha n-f haigh thu àm gu bràth. An f heàrr leat
a bhi gu bràth a' losgadh ann an ifrinn na aithreachas
a dheanamh air thalamh ? An f heàrr leat diabhulan a
bhi 'n am pìanadairean dhuit na Criosd a bhi 'n a Uachd-
aran ort ? An f heàrr leat cùl a chur ri Dia agus glòir,
na cùl a chur ris a' pheacadh ? ! mo charaid, ciod a
tha thu-fem ag ràdh ris na nithibh sin ? Rinn Dia
duine dh\ot. Thug Dia rèusan dhuit. ! na tilg uait
è matà, 'nuair is còir dhuit a ghnàthachadh gu ceart."
Och ! Och ! cha dean focail mhaol, mhall, bhlian, throm
am peacach cruaidh-chridheach a thaiseachadh. Cha
dean fala-dhà, miodal, no magadh, no earail leth-
dhiirachdach an cridhe marbh a dhusgadh. Cha
ghlaodh fuar, farm, no òraid air nàdur 'us cunnart teine
a bheirear 'nuair a bhitheas tigh a' losgadh, ach ruith-
ear 'us dighear gu h-ard, Teine 1 teine ! Air uairibh, is
beag maith a ni è, gu trie is mò an call na 'm maith, a
pheacaidhean uamhasach innseadh do dhuine gu m\n,
fuar, socrach, mar a labhair Eli ris na mic ole aige-fèin,
no mar a chronaich Iehosophat Ahab, ag ràdh " Na ab-
radh an rlgh mar sin." Thatar a' sgrios dhaoine le
sgàth mì-thlachd a chur orra, ann an labhairt riutha gu
dileas, an aghaidh a' pheacaidh a ta ànnta

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence