Skip to main content

‹‹‹ prev (181) Page 161Page 161

(183) next ››› Page 163Page 163

(182) Page 162 -
J 62 Uionnus a an-aithnicfieas sinn
amhàin cho fada 's a fhreagras sin do d' thaitneas agus
do d' bhuannachd shaoghalta. Agus na'n ceadaicheadh
è sin dhuit, b'fheàrr leat a bhi bed gu bràth arèir an
t-saoghail agus arèir na feòla, na idir arèir an fhocail
agus an spioraid. Faodaidh tu, air uairibh, a dhol ceum
no dhà le Criosd, ach tha run 'us miann cumanta do
cridhe suidhichte air nithibh aimsireil — cuspairean a's
ànnsa leat na Criosd. Agus air an aobhar sin, cha n-
fhior Chriosduidh thu. Cha n-'eil thu fathast a' fior-
chreidsinn ann an Criosd. Ged tha thu 'g a aideachadh
le do bhriathraibh, ' tha thu ann an oibribh 'g a àicheadh,
air dhuit a bhi gràineil, agus eas-ùmhal, agus a thaobh
gach deadh oibre às dugmhais tuigse.' Tit. 1. 16. Is
è sin anis cor na muinntir a dhùinear amach o fhois
nan naomh.
Thoir fainear, is è aonta do chridhe, no do thoil a
thathas ag iarraidh a rànnsachadh gu h-àraid. Cha
n-'eilear a' faighneachd dhiot an so, am bheil dearbh-
bheachd agad air teàrnadh, no an urrainn thu 'chreidsinn
gu'm bheil do pheacaidhean air am maitheadh, agus
gu'm bheil thu ionmhuinn le Dia agus le Criosd ? Cha
phairtean na nithe sin idir de chreidimh fireanachaidh,
ach toraidhean maiseach a' chreidimh sin. Iadsan a
gheibh na nithe sin, bithidh iad air an deanamh sòlasach
leo, ach theagamh nach f haigh thus' iad gu bràth anns
a' bheatha so, agus gidheadh faodaidh gur oighre flor
thu air an fhois so. Na abair idir matà, " Cha n-ur-
rainn mis' a chreidsinn gu'm bheil mo pheacaidhean air
am maitheadh, no gu'm bheil mi taitneach do Dhia,
's an lorg sin cha n-fhior chreidmheach mi." Na tilg
thu-fèin idir anns a' mhearachd sin. Is ì so a' cheist, —
Am bheil thusa gu toileach a' gabhail ri Criosd, a chum
gu'm bi d' uile pheacaidhean air am maitheadh dhuit,
gu'm bi thu air do dheanamh rèidh ri Dia, tre Chriosd,
agus mar sin air do theàrnadh ? Am bheil thu làn toil-
each Criosd a ghabhail, agus anis 'g a ghabhail mar do
Thighearn, a cheannaich thu, agus a bheir do nèamh
thu 'n a rathad fèin? Sin anis creidimh fireanachaidh
agus creidimh teàrnaidh, agus an comharradh leis am
fèum thusa thu- fèin a dhearbhadh. Ach thoir fainear
fathast, fèumaidh an t-aontachadh so uile a bhi fior,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence