Skip to main content

‹‹‹ prev (179) Page 159Page 159

(181) next ››› Page 161Page 161

(180) Page 160 -
160 Cionnus a dh-aiihnicheas sinn
leat fuighleach an t-saoghail a thoirt do Dhia, ma thug
thu dad idir dhà. Cha d'rinn thu airson nèimh ach na
f huair thu fèumail, taitneach a chum do chuid, do chliu
agus do bhuannachd a chumail riut air thalamh. Faod-
aidh tu beagan a dheanamh airson Dhia an dràst agus
arist, 'nuair a cheadaicheas an saoghal dhuit, air eagal
gu'n tilgear do ifrinn thu an dèigh do bhàis. Ach an
urrainn thu-fèin a ràdh gur seirfyhis dhileas sin do Dhia ?
Ach ma theirear an fhirinn, is ro theànn leat òrdugh
Dhè, agus an lorg sin cha n-àill leat gnath-ghluasad
agus saothair a dheanamh arèir riaghailt an t-soisgeil,
agus an uair a dhearbhar thu gu cnkimh do dhroma
'dh-f heuchainn co aca is feàrr leat Criosd, no do shonas
saoghalt' a thrèigsinn, gheibhear thus' a' dol leis an
t-saoghal 's a' diùltadh ùmhlachd a thoirt do Dhia. Na'n
ceadaicheadh Dia dhuit a bhi beò gu bràth ann an
slàint 'us saoibhreas air thalamh, b'ànnsa leatsa sin na
fois nan naomh. Iarradh iadsan leis an àill gu nèamh,
ach is è sid sonas a b'fheàrr 's a b'àirde Ieat-sa. So
anisdo chor, mur 'eil thu fathast air d' ath-ghineamhuinn,
no air d' ath-breith, — mur 'eil do chridhe air 'athar-
rachadh o staid nàduir gu staid naomhachd, — tha thu
gun choir ann am fois nan naomh.
Ach ma tha thu nis a' socrachadh do chridhe air Dia, .
mar d' àrd mhaith, gabhaidh tu gu toileach, taitneach
ri Criosd mar do Shlànuighear agus do Thighearn a
chum do threòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so. Anns
a' cheud chomharradh bha sùim " na ceud àithne agus
na h-àithne mòire," eadhon àithn an lagha, " Gràdhaich-
idh tu an Tighearn do Dhia le d' uile chridhe." Agus
anns an dara comharradh so, a bheir mi dhuit anis, tha
sìiim àithn' an t-soisgeil, " Creid anns an Tighearn Iosa
Criosd, agus tèarnar thu." Agus is è an dà àithn sin a
choimhlionadh, an diadhachd agus an creidimh Criosd-
ail uile. Is mineachadh so air creidimh. Am bheil
thus' a' tuigsinn gur peacach càillte thu do thaobh
nàduir, agus air do dhiteadhan lorg do bhriseadh air a'
cheud chùmhnant ? Am bheil thus' a' tuigsinn gur è
Iosa Criosd an t-eadar-mheadhonair a thug làn rìarach-
adh do'n lagh ? agus air dhuit a chluinntinn anns an
t-soisgeil gu'm bheil è air a thairgse gu saor do na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence