Skip to main content

‹‹‹ prev (167) Page 147Page 147

(169) next ››› Page 149Page 149

(168) Page 148 -
148 Cionnus a dh-aithnicheas sinn
n-urrainn teagamh na's mò 'bhi agad mu do chreidimh
'us do ghràdh, na tha aig duine blàth gu'm bheil h blàth,
no aig duine làidir, sùnntach gu'm bheil è beò. Tha
Criosduidhean a' beagachadh an sòlais fèin, le sealltuinn
na's mò agus na's trice ris na comharraidhean a ta nis
aginnseadh dhoibh ciod a tha ànnta-fèin, na ris na riagh-
ailtibh a ta gu soilleir ag innseadh dhoibh ciod bu choir
dhoibh a dheanamh : mar gu'm bi an staid anns am
bheil iad, an dràst, an staid anns am biiad gu siorruidh :
agus mux faigh iad maitheanas anis, nach 'eil leigheas
air an son. Nach b' amadan fear a laidheadh a' guil
's a' caoidh nach 'eil è nis a' faotuinn maitheanais, agus a
righ 'n a sheasamh fad na h-ùine làimh ris, agus a' tairgse
maitheanais dhà, agus 'g a chomhairleachadh gu sin a
ghabhail ? A Chriosduidh, cha chreidimh fireanachaidh
do dhearbh-bheachd-sa air gràdh sònruichte Dhia dhuit,
ach do ghabhail-sa ri Criosd — thusa Criosd a dhlù-
ghabhail h-ugad, a chum do dheanamh ionmhuinn,
gràdhach. Is feàrr dhuit gu mbr Criosd a ghabhail
h-ugad, mar tha è air a thairgse dhuit, na bhi cho trie
a' caitheamh iiine ri teagamh co dhiubh a tha Criosd
agad, no nach 'eil.
Is ctiis iomagain eile do Chriosduidhean, na teagamhan
sin a bhitheas ag ìadhadh orra, 'nuair nach f haigh iad
an gàirdeachas sin a thig air uairidh le dearbh-bheachd,
no 'nuair a chuirear dearbh-bheachd fein an àit gàird-
eachais. Ach c'uime 'chuireadh sin iomagain orra?
Nach f haod leanabh a ràdh gur mac è, ach amhàin cho
fad 's a bhitheas è 'faicinn fìamh-ghàire ann an gnuis
'Athar, no 'cluinntinn briathran sòlasach a bheòil ? no
nach 'eil an t-athair a bha aige roimhe 'n a athair cho
caoimhneil, dìleas dha fathast 's a bha è, ged nach f heaiet-
eadh f ìamh-ghàire air, no ged sguireadh a bhriathran
aoibhneach ? Ciod air-bith a their, no ni athair, cha sguir
a dhàimh 's a ghràdh d'a leanabh fern. Agus mar sin,
cha n-f hàilnich gràdh Dhia d'a chloinn fèin gu bràth.
Gheibhear anamanan fo iomagain a ta gu trie ag
èirigh o aineolas air a' mheadhon, no air an dòigh
ghnàthaichte trid am bheilDia a' toirt sòlais. Saoilidh
iad nach 'eil tuilleadh aca ri dheanamh ach 'iarraidh,
agus gu'm builich Dia orra gach ni mar their ìad-fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence