Skip to main content

‹‹‹ prev (162) Page 142Page 142

(164) next ››› Page 144Page 144

(163) Page 143 -
ar Còir air Fois nan Naomh ? 1 43<
na'n ceasnaicheadh aon diubh e-fèin gu durachdach,
eadhon aon uair, gu'm faigheadh iad amach a chuil-
bheirtean, agus an cunnart fèin, agus mar sin gu'm
faodadh iad a dhol as uaith. Ciamar a b'urrainn è cho
liuthad mile crèutair a thoirt do ifrinn na'n robh fios
aca, no na'n creideadh lad gu'n robh iad a' dol do'n àit
sin ? Ach nach math a dh-f haodadh fios a bhi aca càit
an robh iad a' dol, na'm feuchadh iad ri fios 'fhaotuinn,
agus solus glan an Sgriobtuir aca chum an cèum air an
robh iad a dheanamh soilleir dhoibh. Mur bi an ribe
folaichte, thèid an t-eun as. Is seòlta, glic, tapaidh a
ni Satan iasgach air anamaibh ; cha. leig è. dhoibh an
dubhan no 'n driamlach 'fhaicinn idiiy cha dean è
fuaim a chuireas eagal orra, agus cha n-fheuch è idir a
chruth gràda fèin doibh. Ach sèididh è càil an uilc
astigh orra gun f hios doibh. Mar sin, saothraichidh e
gu dian a chum sluagh a chumail o èisdeachd shearmoin
a rànnsaicheas an cridhe ; no chum am ministear a
chumail o chobhair a thoirt doibh gu iad-fein a rànn-
sachadh ; no chum am faobhar a thoirt de chlaidheamh
an fhocail, ionnus nach eadar-sgair agus nach geàrr è ; no
togaidh è air falbh an aire, no lìonaidh è iad le claon-
bhreth. Is maith a tha fios aig Sàtan, cò an t-sàbaid air
am bi searmoin rknnsachaidh air a h-ullachadh leis a'
mhinistear, freagarrach ri cor 'us easbhuidh cuid de'n
luchd-èisdeachd, agus uime sin, ma's urrainn e, cumaidh
è aig an tighiad air an là sin, no bheir è cadal orra 's an
tigh-aoraidh, no goididh è air falbh am focal le ro
churam agus le briathrachas an t-saoghail ; no bacaidh e
obair èifeachdach an fhocail air dòigh air-chor-eigin eile.
Is luchd-bacaidh mòr eile air fèin-cheasnachadh,
sluagh aingidh. Tha iad sin air iomadh dòigh a' tàladh
muinntir gu mi-churam. Fuathaich thusa droch eisemp-
leir nan aingidh ; an cuideachd 's an còmhradh gàireach,
spòrsail ; an gnàth dhèigh air cuisibh saoghalta ; an
sgallais 's am magadh air muinntir dhiadhaidh ; an aom-
adh, ambreugadh, ambuaireadh's ambagradh — tha gach
droch bhuaidh dhiubh sin glè ullamh gu daoine neo-
chaithriseach a thilgeil ann an suain na foise feallsa.
Is gann a dh-f hosglas Dia sùilean peacaich bhochd gu
f heuchainn dà gu'm bheil è air an t-sligh dhochair, nacb

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence