Skip to main content

‹‹‹ prev (160) Page 140Page 140

(162) next ››› Page 142Page 142

(161) Page 141 -
ar Coir air Fois nan Naomh ? 141
coimhid' agus ma chaidh iad an riochd mairbh 'nuair
a chunnaic iad aingeal a' carachadh na cloiche bho
uaigh Chriosd,' ciamar is urrainn thusa smuaineachadh
air a bhi beò maille ri deamlmaibh ann an ifrinn, gus
am faigb thu cinnteas bunaichte gu'n tèid thu as ? Is
ro sbocrach do leabaidh, no is ro chruaidh do chridhe ?
ma gheibh thu fois ann an staid cho neo-chmnteach.
Mur gabhadh leigbeas idir air an neo-chinnteas
chumanta so, a gheibhear aig mòran do thaobh an
teàrnaidh, dh-fhèumteadh giùlain leis, mar ghiùlainear
leis gach aimhleas eile nach gabh seachnadh. Ach mo
chreach I is ann aig daoine feln — aig an droch dhearmad
fèin — a gheibhear a' choire gu lèir. Cha n-kill leo an
leigheas a ghnkthachadh. Is è fèin- cheasnachadh, rann-
sachadh 'us dearbhadh staid a chridhe fèin arèir riaghailt
an Sgriobtuir, an dòigh a's fekrr is urrainn duine sam-
bith a ghabhail a chum fios cmnteach 'fhaotuinn air cor
'anama fèin. An dara cuid, cha n-aithne do dhaoine
nkdur agus luach an dleasanais so, no cha n-kill leo
dragh a chur orra-fèin a dhearbhadh na cuise. Feuch
co-thional anns am bheil mile pearsa, agus is ro bheag
a gheibhear ànn, a bhuilich riamh aon uair air faotuinn
amach an còir air nèamh le fèin-cheasnachadh dileas,
teànn. Feòraich anis de do choguis fèin, a lèughadair,
cò an t-km, agus cò an t-kit anns an d'rinn thusa gu
beò-dhùrachdach do chridhe fèin a ghairm gu cùnntas
an lkthair Dhia, 'g a do cheasnachadh fèin arèir an
Sgriobtuir, agus a' fiosrachadh amach am bheil, no nach
'eil do chridhe air 'ath-nuadhachadh agus air a shòc-
rachadh na's mò air Dia no air a' chrèutair, air nèamh
no air an talamh ? agus cuin a lean thusa air a cheas-
nachadh so, gus an d'f huair thu mach do chor, a' toirt
breith 'us bìnn ort-fèm arèir do chor ?
Ach o'n is obair mhòr, luachmhor ì so, a ta gu ro
thric air a mòr-dhearmad, feuchaidh mi dhuit anis —
gu'm faod muinntir teachd le saothair gu lkn chinnteas
air cor an anamanan, — Ciod a tha nis a' bacadh dhaoine
bho 'n staid fèin a dhearbhadh agus aithneachadh ; — An.
dèigh sin ainmichear caochladh aobhar a chum do
ghluasad gu tòiseachadh air d' f hèin-cheasnachadh, —
agus caochladh seòladh, — le comharraidhean o'n Sgriob-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence