Skip to main content

‹‹‹ prev (151) Page 131Page 131

(153) next ››› Page 133Page 133

(152) Page 132 -
132 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach
ach ann an èisdeachd ar n-urnuighean, agus arm am
buileachadh a thròcair òirnn. 'Nuair a thilgear sinn
ann an anshocair, bithidh anshocair air-san. Eisdidh
è gu grad ris gach acain, ochain 'us osnaich, agus
gleidhidh è gach de*ur, a shileas a phobull, 'n a shearraig
fèin. An ath uair a bhitheas tu fo thrioblaid, iarraidh
tu eisdeachd dhùrachdach do d' iirnuigh, ach ciamar is
urrainn sùil a bhi agad ri àrd thròcair, fhad 's a gheibh-
ear thu blian, fann, fuar, mail ann an seirbhis Dhè ?
Tha ministearan Chriosd dùrachdach ann an earail
agus ann an teagasg. Tha iad ag iarraidh an Tighearna
agus 'g ad' iarraidh-sa. Is mò leo gu mòr (le cuid
mhòir co dhiubh.) slàint d' anama-sa na idir am maith
aimsireil fèin. Ged mharbhadh s\ad iad-fèin le obair,
ged chuirteadh gu bas mar mhartaraich iad, agus ged
gheibheadh iad iomadh tàire airson searmonachadh an
t-soisgeil, measaidh iad sin uile mar thròcair, ma gheibh-
ear è 'n a mheadhon a 1 cur glòir Dhe* agus teàrnadh
d' anama-sa air aghaidh. Agus am b'àill leat-sa daoine
eile a bhi cho cùramach, iomaganach mu thimchioll do
shlàinte, agus thu-fèin cho dearmadach ? Nach diir-
achdach, dichiollach uile chreutairean Dhia, a' deanamh
seirbhis dhuit ! — a 1 ghrian le cabhaig a' cuairteachadh
an t-saoghail air do shon ! Uisg nan spèur a' sileadh
anuas air do shon ! tobraichean a' sruthadh air do shon ;
aimhnichean a' sior-ruith air do shon ; earrach agus
foghar 'n an àm air do shon ; do dhamh 'us d' each a'
cruaidh-oibreachadh air do shon gach là ! Faic anis
cho fior dhtirachdach 's a tha iad sin a' deanamh seirbhis
dhuit ! Agus am faighear thusa, — thu-fèin amhàin, —
dearmadach, mi-chùramach, mi-dhùrachdach ann an
seirbhis Dhè? Ma gheibhear, is truagh do chor.
Tha seirbhisich an t-saoghail agus an diabhuil gle
dhùrachdach, 'n an obair fern. Tha iad ag oibreachadh
gu teànn, dìan, dichiollach, mar nach b'urrainn iad gu
leòr a dheanamh. Is mòr an cabhag, mar gu'm b' f hada
leo gus an ruig iad ifrinn. Bheir iad dubhlan do
mhinistearan, do shearmoinibh agus do gach meadhon
gràis eile, agus gabhaidh iad air an aghaidh gun stad.
Agus am faighear iadsan na's dichiollaiche chum am
mallachadh fdin, na gheibhear thusa chum do theàrnadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence