Skip to main content

‹‹‹ prev (148) Page 128Page 128

(150) next ››› Page 130Page 130

(149) Page 129 -
ag larraidh Fois nan Naomh 129
rkdh, agus nach è am beachd-san, beachd Dhe* air an
obair so. Dh'kithn Dia dhomh-sa mòran a dheanamh r
agus ged nach. fhaicinn aobhar sam-bith eile airson a
dheanamh, bu leòr an t-aobhar leam a thoil mhaith
fein. Co bu choir lagh a dheanamh air ar son, agus
àithneadh dhuinn a choimhead, ach an Ti a rinn sinn ?
Agus cò bu choir an rathad gu nèamh a chomharrach-
adh amacli dhuinn, ach an Ti a's urrainn ar toirt gu
nèamh ? Agus cò bu choir cumha na slaint' a dhean
amh ruinn, ach an Ti sin a ta nis a' tabhairt beann-
achd na slkinte dhuinn ? Mar sin, labhradh an saoghal,
an diabhul 's an f heòil an aghaidh cruaidh spàirn nan
daoine dichiollach, naomh ; ach is è mo f hreagairt-sa,
DKàithn Dia fèin è.
Cha robh riamh, agus cha bhi duine idir ann nach
aidich gu toileach, air aon là mor, gu'm bu ghlic, ceart
saothair mhòr nan naomh. Agus cò nach deanadh
saothair agus nach gabhadh an rathad a bhitheas fathast
air an àrd-mholadh leis gach duine ? Is maith " tha
f hios againn gu'n labhrar anns gach àit an aghaidh" na
I cruaidh spàirn" so. Ach ceadaichibh dhomh innseadh
dhuibh gu'm bheil a' chuid a's mò 'labhras 'n a h-agh-
aidh ag aontachadh leatha 'n an inntinn, agus a' chuid
nach 'eil an diugh ag aontachadh leis an obair mhaith
so, is goirid gus an tig an là air an aidich iad ì ann an
saoghal eile. Ma thèid ìad do nèamh, fèumaidh an
inntinn a bhi air a h-atharrachadh mu'n ruig iad an
t-àit sin. Ma thèid iad do ifrinn atharraichear am beachd,
kill air n-kill an sin. Is toigh leat an diugh a bhi beò
arèir barail 'us beachd a' mhòr shluaigh, carson matà,
nach bitheadh tu nis de'n bharail sin a gheibhear fathast
aig na h-uile ? Sibhse nis a bhios ag ràdh gur ' ro
dhraghail, cruaidh leibh saothair nan daoine diadhaidh,'
carson a bheireadh sibh breth 'n an aghaidh, agus sibh
cinnteach gur goirid an ùin gus an atharraich gach aon
dibh a' bhreth sin. Hò ! b'f heàrr gu'n robh sibh cho
glic anns a' chùis so, ris a' mhuinntir a ta nis ann an
ifrinn !
Gheibhear eadhon na Criosduidhean a's fekrr a
tròm-chaoidh, air là mòr am bkis, cho dearmadach 's a 5
bha iad. Their gach aon diubh, " ! b'f hekrr gu'n robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence