Skip to main content

‹‹‹ prev (145) Page 125Page 125

(147) next ››› Page 127Page 127

(146) Page 126 -
126 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach
mhòr, no ro dhraghail, ni sam-bith a's urrainn thu
'dheanamh chum a sheirbhis a chur air aghaidh, agus a
thoi-leachadh na's raò. Tha gràdh beò, togarrach,
gnìomhach, cùramach. Ma tha gràdh agad do Criosd,
coimhididh tu 'àithntean, agus cha n-abair thu gu bràth,
mar leisgeul dhuit-fèin, gu'm bheil ìad ro theànn, no ro
chruaidh ort. Ma tha creidimh agad, beothaichidh
agus misnichidh è thu an còmhnuidh. Ma tha dòchas
na glòir' agad, bithidh è dhuit mar an dual-mòr
(main-spring) do'n uaireadair, cuiridh è gach cuidhle
'n a d' anam air ghluasad. Ma tha eagal Dè ort, dùisgidh
e thu agus fuadaichidh è air falbh do leisg. Ma tha èud
agad, lasaidh è, agus ithidh è suas thu. Ciod-air-bith
tomhas anns am bheil thu air do naomhachadh, no do
chridhe air a ghlanadh, is ann dìreach arèir an tomhais
sin a gheibhear thu beò-dhùrachdach agus dichiollach,
gniomhach ann an obair Dhe\
Ach iadsan a ni leisg- obair, caillidh iad an saothair.
Tha mòran, cosmhuil ri Agripa, ach " beag" 'n an .
Criosduidhean. Ach chi iad sin mu dheireadh, gu'm
bi iad ach beag air an tearnadh. 'Nuair a bhitheas
dithis a' ruith ann an geall-rèis, caillidh am fear a's
maille c^um araon an duais agus a shaothair. Ma tha
duine a' togail cudthroim, abair clach mhòr, no bolla-
mine, feumaidh è neart gu leòr a chur ris, mur cuir, bu
cho math dhà gun f heuchainn idir ris. Nach lionmhor
dleasanais a tha Criosduidhean a' call, a dh-easbhuidh
an làn dheanamh, — an deanamh is 'us às ! " larraidh
mòran dol a stigh, ach cha'n urrainn iad." Luc. 13. 24.
Ach is dòcha gu'm b'urrainn iad, na'n d'rinn iad
" spàirn chruaidh." Uime sin, dean-sa dichioll beagan
na's mò, agus cuir neart beagan na's mò ris an obair, air
eagal gu'n càill thu na rinn thu cheana.
A bhàrr air sin, nach 'eil mòran ùine luachmhòir air
a call cheana? Dh'fhalbh làithean leanabachd agus
òige bho chuid dhinn, agus o chuid eile, leth an aois,
agus is goirid, neo-chìnnteach na làithean a ta romh-
ainn. Nach mòr an uin a chaith sinn ri cadal, ri
bruidhinn gun toradh, ri cluith, agus ri smuaintibh 'us
cùram saoghalta I Nach beag obair a tha deante I Cha
bheirear air na làithean a dh'fhalbh gu bràth ; mar an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence