Skip to main content

‹‹‹ prev (137) Page 117Page 117

(139) next ››› Page 119Page 119

(138) Page 118 -
118 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach
riut-fèin agus.. fuasgail a' cheist so. Feòraich ri do
choguis — ri do chridhe fern, agus ma cheadaicheas til
dhà labhairt, ìnnsidh è an fhirinn dhuit. An do shoc-
raich thusa do chridhe air fois shiorruidh mar ghnothach
mòr do bheatha aims an t-saoghal so ? An robh thu ri
caithris agus saothair le d' uile dhichioll " chum nach
glae neach air bith do chrim ?" An robh thus' a'
deanamh cabhaig', air eagal gu'm bi thu ro anmoch,
agus gu'm beir am bàs ort, mu'm bi d' obair deante ?
An robh thus' a' dian-ruith ameasg gach ana-cothroim,
" a dh-ionnsuidh a' chomharraidh," eadhon " duais
àrd-ghairme Dhè ann an Iosa Criosd," gun stad ' 'g ad r
shìneadh fèin chum nan nithe a ta romhad ?' Am fianuis
do choguis air d.' èigheachd, air d' osnaich agus air do
dheòir dhìomhair ? Am fianuis do theaghlach gu'n robh
thu 'g an teagasg ann an eagal Dè, agus gu dileas,
dichiollach a' toirt rabhaidh dhoibh gun dol gu " àit na
ddruinn ?" Am fianuis do mhinistear gu'n cual' è thus'
ag èigheachd " Ciod is còir dhomh a dheanamh chum
gu'n teàrnar mi?" a' dòrtadh amach do ghearain an
aghaidh do thruaillidheachd, 's ag ìarraidh na sligh' a
dh-ionnsuidh an Tighearna ? Am fianuisean do choimh-
earsnaich gur àbhaist duit a bhi gu glic a' cronachadh
chrèutairean mì-dhiadhaidh, 's a' saothrachadh a chum
anamanan do nàbuidhean a thekrnadh? Thugadh na
fianuisean sin uile breth an diugh eadar Dia agus thusa,
am bheil, no nach 'eil thusa gu beò-dhùrachdach ag
iarraidh na foise nèamhaidh. Aithnichidh tu air an
tomhas oibre a rinn è, co aca 'bha, no nach robh do
sheirbhiseach leisg 'n a ghnothach, an uair nach robh
do shùil air, mar sin, seall ri d' obair fèin anis, agus
aithnich an robh thu-fèin leisg ann an gnothach d' an-
ama. Am bheil do ghràdh do Chriosd, do chreidimh,
d' èud agus do ghràsan eile, lag, no làidir? Ciod e
d' aobhar gkirdeachais ? Ciod è do dhearbh-bheachd ?
Am bheil gach ni dòigheil, òrdail 's an taobh-stigh
dhiot? Am bheil thu ullamh airson a' bhàis, na'n
gairmeadh è ort anis? Am bheil agad "beannachd"
an t-sluaigh ris am b' àbhaist dhuit a bhi 'conaltradh?
Thoir breth ort-fein arèir nan nithe sin, agus chithear
leat gu grad, co dhiubh bu leisgean, no oibriche dileas,
dùrachdach tarbhach thusa.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence