Skip to main content

‹‹‹ prev (132) Page 112Page 112

(134) next ››› Page 114Page 114

(133) Page 113 -
ag ìarraidh Fois nan Naomh. 113
buileachadh cairteil na h-uaire gach là air ùrnuigh ri
Dia airson an anamanan fern agus an teaghlaiclfean .
Och I is beag an cùram mu f hois shìorruidh d' an
anamaibh ! Cha dean na lunndairean dearmadach sin
ni sam-bith, chum an sonas fèin a chur air aghaidh.
mur cuir iad are"ir cleachdaidh, an dràst 's arist, an
làmh ri dleasanas f hollaiseach, a chum an creideas
fèin a chumail suas ameasg nan coimhearsnach. Iarr
orra leabhraichean maith a lèughadh, stè*idh an creid-
imh ionnsachadh às a' Cheist-leabhar, là naomh an
Tighearn' a chaitheamh ann an ùrnuigh, an soisgeul
èisdeachd air a shearmonachadh, am focal a bheò-
chumail 'n an smuaintibh a ghnàth, gach focal agus
smuain diomhain, talmhaidb a thilgeil uatha ; seadli.
comhairlich sin doibh, 'us bithidh è dhoibh mar chùin^
ro throm agus sgith ; mar nach b' f hiach fois na
glòire saothair cho mòr a dheanamh air a son.
3. Faic anis an " Luchd-aideachaidh foirmeil," no
na " Fuar- chràbhaich :" gheibhear iad so a' deanamh
uile dhleasanais na diadhachd o'n leth-muigh, ach cha
n-urrainn thu an toirt gu bràth gu thuigsinn ciod t;
nàdur na diadhachd sin a gheibhear a' glan-oibreachadh
astigh air a' chridhe. Searmonaichidh, èisdidh, no
lèughaidh an sluagh so gu grinn. Labhraidh iad air
nèamh, ni ìad ùrnuigh 'n an teaghlaichean, cuidichidh
iad leis gach aobhar maith, agus is toigh leo a bhi air
am meas 'n an sluagh diadhaidh, ach gu bràth cha
n-fhaighear an cridheachan a shocrachadh air na
dleasanasaibh fior spioradail. Cha n-fhaigh iad bias
idir air na h-oibribh naomh so, — gnàth ùrnuigh dhùr-
achdach agus meòrachadh diadhaidh ann an uaigneas,
— fem-cheasnachadh treibh-dhireach, — ^ìnntinn nèamh-
aidh, — caithris thairis air an cridheachan, air an ckinnt
'us air an cèumaibh fèin, — an fheòil a chlaoidh 's a
h-ana-miann a chumail fodha, — an naimhdean a ghràdh-
achadh agus maitheanas a thoirt doibh gu toileach, —
am bràithrean a chur air thoiseach orra-fèin — an cuid
's an gnìomh gu lèir a chur aig cosaibh Chriosd, ag
amharc air a sheirbhis agus air 'fhàbhar mar na nithe
sin a's àirde luach — ìad-fèin ullachadh airson a' bhàis,
gu toileach a' f àgail an cuisean uile fo chùram Chriosd.
k3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence