Skip to main content

‹‹‹ prev (118) Page 98Page 98

(120) next ››› Page 100Page 100

(119) Page 99 -
a chaitteas Fois nan Naomh. 99
1. Is e Dia fern a dh'òrduich dòruinnean na h-ifrinn.
Cha bu lugha na Dia fèin a f huair oilbheum o pheac-
aich, air an aobhar sin, cha lugha na Dia a ni peanas
orra airson am peacaidhean. Dh'ullaich è na doruinnean
sin airson a naimhdean. Bithidh a mhòr chorruich a'
sior-chur is doibh; anail a chorruich a' beothachadh
nan lasair, mar èire do-iomchair d' an anamaibh. Na'm
bu chorruich crèutair \, is ann a b'fhasa dhoibh a
giulain. An-aoibhinn dhk-san a thuiteas fo bhuillean
an Uile-chumhachdaich ! " Is ni eagalach tuiteam ann
an làmhaibh an Dè bheo." Edbh. 10. 31. Bu neo-ni
an saoghal uile a bhi 'n an aghaidh, agus na h-uile
chrèutairean cruinn 'g am pianadh, ann an coimeas ri
so. B'fhekrr leo roimhe fearg a chur air Dia, na fearg
a chur air uachdaran, custamair, maighstear, caraid,
nàbuidh, no air am feòil fèin, ach anis b'f heàrr leo mile
cuairt a bhi air am fuathachadh leis an t-saoghal uile,
na f kbhar Dhia a chall. Ah ! is " teine dian-loisgeach" a
chorruich ! Ma lasas ì òirnn ach mionaid, seargaidh sinn
às mar f he"ur ! Cia luath a chrionas ar neart gu laigse,
agus a philleas ar bòichead gu mi-dhreach ! Na's luaithe
na loisgeas an lasair conlach thioram, caithidh corruich
Dhè na h-aingidh thruagh sin. Air thalamh cha
n-f huiligeadh iad priosan, no tkire, crann-losgaidh, no
croich, no teine, no fraoch-fanaid, airson Chriosd, cion-
nus matà, 'dh-f huiligeas iad anis lasair corruich Dhè 'g
an caitheamh às gu siorruidh ?
2. Tha kit agus staid na ddruinn air an òrduchadh
le Dia, chum a cheartas a ghlòrachadh. Is ann a chum
a chumhachd fèin a ghlòrachadh a chruthaich è na saogh-
ail. Tha cruth maiseach nan uile chrèutairean, a rinn a
làmh, a' foillseachadh a ghliocais. Tha freasdal Dè air
a nochdadh dhuinn ann an cumail suas nan uile nithe.
'Nuair a lasas eadhon aon srad de chorruich Dhia air
an talamh, bathar an saoghal uile, ach amhàin ochdnar.
Loisgear Sodom, Gomorrah, Admah agus Seboim le
teine bho nèamh. Dùnar cuid ann am be"ul na mara.
Fosglaidh an talamh a bhèul agus sluigear s\os feadhain
eile. Sgriosaidh a' phlàigh a miltean. Nach soilleir
an f hianuis air corruich Dhia, cor brònach nan Iudh-
ach air an la an diugh ! Ach is ànn airson na beatha ri

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence