Skip to main content

‹‹‹ prev (110) Page 90Page 90

(112) next ››› Page 92Page 92

(111) Page 91 -
a chailleas Fois nan Naomh. 91
leo geòcaireachd, misg, bochduinn, nàire 'us easlaint.
Dh-f haodadh iad a bhi toilichte, sitheil, taitneach, ach
is feàrr leo sàrmt agus fem-ghlòir leis gach cùram ?
saothair, cosdas, eagal 'us iomagain a ta 'n an lòrg.
Cia trie a gheibhear daoine 'g am buaireadh fèin le feirg,
farmad 'us iarraidh dioghaltais. Cia trie a tha mòran
'g an truailleadh fèin le neo-ghloine, ni a mhilleas an
cuirp, an cuid 's an cliù, ach is feàrr leo gach droch
shaothair dhiubh sin 'fhulang uile, na sonas iarraidh
d'an anamaibh ! nach oillteil gaor nan crèutairean
truagh sin a' caoidh an amaideachd ann an ifrinn ! gach
truaghan a' bèucadh, a' bùireadh 's a' glaodhaich, " Och Ì
och! mo shaothair 's mo chosdas gu mi-fern a mhallach-
adh! Cha bu leòr leam mallachd a nasgaidh, ach a
cheannach daor ! Shaoil leam gu'm faodainn a bhi air mo
theàrnadh air beag saothair, carson a rinn mi saothair
cho mòr a chum mi-fein a sgrios ? Nach è mo dhamnadh
fèin a bha mis' ag oibreachadh amach gu dichiollach,
dian, 'nuair a bha Dia ag àithneadh dhomh mo shlàinte
fèin a Ian- oibreachadh amach? Na'n d'oibrich mis'
airson nèimh, mar rinn mi airson ifrinn, bha mi nis air
nèamh gun teagamh. Bu trom leam cèum na diadh-
achd, bu shearbh leam guth idir air fèin-àicheadh, is è
bu taitniche leam saothrachadh ann an obair Shatain
agus a' bhàis. Na'n do ghràdhaich mise Criosd, mar
ghràdhaich mi m' ailghios, mo bhuannachd 'us m' onoir
fèin ; na'nd'iarr mise Criosd, a' socrachadh mo chridhe
air-san, cho dichiollach, trie 's a rinn mi air na nithibh
sin ; bu shona dheth an diugh mi 1 Ach nach ceart-
thoilltinneach dhomh-sa fulang fo lasraichibh na h-if-
rinn ! — mis' a cheannaich an ddruinn so cho daor ! —
mise nach gabhadh fois 'us glòir nèimh a bha air an
tairgse dhomh a nasgaidh ! Och, Och ! Och 'us Och
mise !"
gu'n deònaicheadh Dia thus' a threòrachadh,a lèugh-
adair, gu làn-smuaineachadh air na nithibh sin an diugh,
chum nach bi agad ri cuimhneachadh orra gu bràth,
mar do phianadair fèin ann an dosgainn do-smuainichte
na h-ifrinn ! Na abair idir nach 'eil anns na smuaintibh
eagalach so ach obair a' mhic-mheanmna, no deilbh
fhaoin na h-inntinn. Lèugh smuaintean an " duine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence