Skip to main content

‹‹‹ prev (93) Page 73Page 73

(95) next ››› Page 75Page 75

(94) Page 74 -
74 Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil
" Bithidh tu raaille rium-sa an diugh ann am pàrras."
Lùc. 23. 43. Tha Criosd ag innseadh dhuinn, arist gu
soilleir, ann an comh-samhlachd an duine shaoibhir agus
Làsaruis, gu'm bheil an t-anam a' dol bàll-dìreach gu
sonas, no gu truaighe an d&gh a bhàis. Luc. 16. 19-31.
Ann an toirt dearbhaidh dhuinn air aiseirigh nam marbh,
tha Criosd ag rkdh " Cha'n e Dia, Dia nam marbh, ach
nam beò." Air an aobhar sin, bha anamanan Abrahàim,
Isaaic agus Iacoib bed maille ri Dia aig an km a labhair
Criosd na briathran sin. Mata 22. 32. Mur faigheadh
" na mairbh bheannaichte, a gheibh bàs 's an Tighearn,"
sonas na's kirde na fois anns an uaigh, bu cho sona
brùid, no clach riuth-san. Taisb. 14. 13. Cha bu
bheannachd ach mallachd an cor. Nach è 'bhi beò
tròcair bu mhò dhoibh, a' deanamh seirbhis do Dhia 'us
maith do dhaoinibh — a' mealtuinn shòlas na beatha so,
co-chomunn nan naomh, chomhf hurtachd nan òrduigh-
ean agus mòran do Chriosd — na 'bhi a' grodadh anns
an uaigh. Ach tha krd shonas a' feitheamh air na
naoimh an dèigh am bkis : mur bitheadh, ciamar eile a
theirear " Tha sibh air teachd gu spioradaibh nam firean
air an deanamh foirfe." Eabh. 12. 22, 23.
Is cinnteach, bithidh corp an fhVrein, cho maith ri
'spiorad, air a dheanamh foirfe aig an aiseirigh. Nach
'eil an Sgriobtuir ag innseadh dhuinn gu'm bheil Enoch
agus Elias air an togail suas cheana gu glòir ? Agus an
abair sinn nach 'eil ach ladsan amhkin a' sealbhachadh
na glòire sin ? Nach f haca Peadar, Sèumas agus Eòin,
Maois maille ri Criosd air a' bhèinn? Ach, deir an
Sgriobtuir, bhasaich Maois. Is cinnteach nach mealladh
Criosd iad le Maois 'fheuchainn doibh, mur faigheadh è
seilbh air glòir gus an tig an aiseirigh. Agus nach
dearbhadh focail Stephein cho làidir 's is urrainnear
iarraidh, " A Thigearn Iosa glac mo spiorad." Gniomh.
7. 59. Is cinnteach, ma ghlacas an Tighearn an Spiorad,
nach 'eil è 'n a chadal, no marbh, no air a chur gu neo-
ni, ach maille ri Criosd far am bheil è, agus a' faicinn
a ghlòire. Gheibhear an dearbhadh cèudna ann am
briathraibh an duine ghlic, " Pillidh an spiorad chum
Dhè, a thug uaith e. Ecles. 12. 7. Mur ruigear glòir
gus an tig an aiseirigh, ciamar a theirear ' gu'm bheil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence