Skip to main content

‹‹‹ prev (89) Page 69Page 69

(91) next ››› Page 71Page 71

(90) Page 70 -
70 Comharradh na Muinntir sin do'm bheil
bu ghànn feum air freasdalaibh Dhè. Bithidh glòir aig
Dia ann an saoradh miorbhuileach na h-Eaglais, agus
ann an tuiteara a naimhdean ; agus an dealaich è ris a'
ghlòir sin le àrd shonàs a thoirt do dhaoinibh ann an
euairt na beatha so ? Na'n robh sinn uile sona, neo-
chiontach, iomlan, cait am bitheadh fèum air na h-oibribh
glòrmhor sin, — ar naomhachadh, ar fireanachadh, agus
ar slàint ri teachd ? Mur bitheadh easbhuidh ni sam-
bith òirnn, cha dlùthaicheamaid cho mòr ri Dia, ni mò
a ghairmeadh sinn air cho durachdach. Na'n robh againn
gach ni a b' àill leinn, is beag a dh-iarramaid air Dia !
Cha bhitheadh àrd òrana molaidh air an toirt riamh do
Dhia le Maois, aig an Fhairge Ruaidh agus anns an
f hksach, agus arist le Deborah, Hannah, Daibhidh 'us
Heseciah, na'n robh an sonas 'n an lkimh fèin. Agus, a
Chriosduidh, nach minig a thug do chunnart 'us do
thèinn ort krd mholadh a thoirt do Dhia ? Bithidh an
clhi 's a' ghloir a's kirde aig Dia 's an t-saoghal so air-
son na saorsa, na rèite, agus na slaint' a tha è 'tabhairt
tre Chriosd, agus nach ì truaighe dhaoine a b' aobhar
air sin ? Far nach f haigh Dia fath-chothrom air tròcair
a nochdadh, caillidh an duine an sonas a thig o thròcair
a mhealtuinn. Far nach f haigh Dia a mholadh, cha n-
f haigh duine solas. cia milis an solas a gheibh na
naoimhairson an iirnuighean ! Ciamar a dh-aithnicheam-
aid cho teò-chridheach 's a tha ar n-Athair neamhaidh,
mur rachadh, mar rinneadh air an struidhear, plaoisg
nan solas talmhaidh a dhiultadh dhuinn ? Cha mhoth-
aicheamaid gu brkth cho blkth-chritheach \s a tha
Criosd, mur faigheamaid sinn-fein sgìth agus trom-
luchdaichte, acrach agus tartmhor, bochd agus bruite. Is
taitneach do'n t-saighdear, no do'n f hear-astair, sealltuinn
air ais air a dhol-às o gach cunnart, is è nise sàbhailt.
Agus mar sin is taitneach do gach aon de na naoimh air
nèamh sealltuinn air ais air na cunnartaibh mòr' o'n
deachaidh è às, — air a chuid peacaidh agus bròin air
talamh, — air' eagal agus a dheòir, — air a naimhdean agus
'aimhreitean, 'easbhuidhean 's a thrioblaidean. Ni sin a
ghairdeachas na's aoibhniche. Uime sin, labhraidh na
naoimh bheannaichte ann am moladh an Uain, air an
saoradh leis às gach cinneach, teangaidh agus sluagh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence