Skip to main content

‹‹‹ prev (77) Page 57Page 57

(79) next ››› Page 59Page 59

(78) Page 58 -
58 Comharradh na Muinntir sin do'm bheil
Is ì so obair an Spioraid air a gintinn, arm an tomhas
èigin, anns na h-uile a ta air an ath-nuadhachadh.
Ciamar a thigeadh peacair a dh-ionnsuidh Chriosd a
dh-iarraidh maitheanais, nach d'fhuair e-fèin riamh
ciontach, no air a dhiteadh? — no 'dh-iarraidh beatha
gun e-fein f haotuinn marbh gu spioradail. " Cha'n 'eil
fèum aca-san a ta slan air an lelgh, ach aca-san a ta
tinn." Luc. 5. 31. 'Nuair a chithear an leigheas no, an
ioc-shlaint, cho luath ris a' ghalar, caisgear roinn mhòr
de thrioblaid an duine thinn. Agus faodaidh mothach-
adh aoibhneach air tròcair a thoirt air neach mothachadh
air a thruaighe fèin a dh\-chuimhneachadh na's luaithe.
6. Tha mothachadh aig a' mhuinntir so air diomhanas
agus air easbhuidheachd a' chrèutair. Is fear-iodhol-
aoraidh gach duine do thaobh nàduir. Dh'fhalbh ar
cridheachan o Dhia ann an tuiteara Adhaimh, agus riamh
o'n là sin, is è an crèutair bu dia dhuinn. Is è so peac-
adh mòr ar nàduir. Bheir gach duine neo-ìompaicht'
a' chòir 's a' ghlòir a bhuineas do Dhia 'n a aonar, agus
an t-àit a's àirde 'n a chridhe, do'n chre'utair. Cha n-
'eil teagamh nach abrar Tighearn agus Slànuighear ri
Dia agus Criosd, ach an de"igh sin uile, gheibhear fior
dhùil a' chrèutair ris a' chrèutair, agus bheirear dhà an
onoir bu choir a thoirt do Dhia fèin. Is iad taitneas,
buannachd 'us onoir, trionaid an duine nàdurraich, agus
is è Fein feòlmhor an triuir sin 'n an aon. B'è ìarraidh
a bhi " mar dhèe" ar ceud pheacadh, agus sin am peac-
adh a's mò a ta air a ghintinn ann ar nàdur o ghinealach
gu ginealach. 'Nuair a tha Dia ag ìarraidh ar treòrach-
adh, treòraichidh sinne sinn-fèin. 'Nuair a tha Dia ag
larraidh ar riaghladh, cha n-àill leinn-ne ach ar riaghladh,
fèin. Gheibh sinn coire do'n lagh a thug Dia dhuinn.
B'àill leinn 'atharrachadh, no, na'm faodamaid, a dhean-
amh air dòigh eile — lagh ùra dheanamh arèir ar càil fèin.
Is kill le Dia curam a ghabhail dhinn, agus mur gabh,
bitidh sinn càillte, ach is feàrr leinn-ne ar cùram fein.
'Nuair bu choir dhuinn ar cuid iarraidh air Dia gach là, is
feàrr leinn a bhi beò air ar cuid fèin. 'Nuair bu choir
dhuinn strlochdadh d'af hreasdal, is ann a gheibhear sinn
ri gearan air, 'sa' smuaineachadh gu'n deanadh sinn-fèin
cùisean òrduchadh na's feàrr na rinn Dia. 'Nuair bu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence