Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 46Page 46

(68) next ››› Page 48Page 48

(67) Page 47 -
Fois nan Naomh. 47
xha iad sin gle chunnartach. Ach air nèamh bithidh sinn
uile a' corah- chòrdadh 's an aon f hirinn, mar aon maille
ri Dia neach a's E-fèin an f bìrinn. Fòs gheibh sinn fois
o gach peacadh toile, peacadh aignidh 'us còmhraidh.
Dealaichidh sinn gu bràth ris a' bhith cheannairceach
sin, " a' MM-ihoil" a ta fathast ag iarruidh ar tarruing
air falbh o Dhia. Cha shàraichear 's cha bhuairear sinn
le mothachadh, no faicinn cumhachd truaillidheachd
sam-bith, no le pròis, no " paisean," no liinndaireachd, no
mi-f haireachadh, no coimheachas ri Dhia 'us ri nithibh
Dhè, no gluasad mi-chothromach, no aigneadh fuar, no
gràdh lag, no ciùrradh an Spioraid, no gniomh sgainneal-
ach, no còmhradh mì-naomh : o na nithe sin uile gheibh
sinn fois gu brath ! An sin, còrdaidh ar toil ri toil Dè,
mar a fhreagras aghaidh do aghaidh ann an sgàthan.
Is E-fein ar lagh agus ar riaghailt, 'us cha chlaon sinn
uaith-san gu bràth. Eabh. 4. 10.
Air thalamh dh'f huilig sinn an lorg ar peacachaidh,
ach air nèamh sguiridh gach peacadh agus fulang gu
lèir. Gheibh sinn fois o na teagamhan sin uile a bha
againn mu ghràdh Dhia. Cha n-abrar ni's mò, mar
thuirt Dochdadair Iain Preston gu cothromach, " Is cos-
mhuil teagamhan ris a' chluaran, is droch luibh è, acb
gheibhear a' fàs h ann an talamh maith." Cha chluinn
sinn càinnt 'us ceist mar so ni's mò, " Ciod a ni mi chum
fios 'f haotuinn air mo staid ? Ciamar a dh-aithnicheas
m\ gur è Dia m' Athair ? — gu'm bheil mo chridhe ceart r
— gu'm bheil mo chòmhradh f ìor — mo chreidimh treibh-
dhireach? Tha eagal òrm nach 'eil mo pheacaidhean
air am maitheadh, — gur cealgaireachd m' oibrean uile, —
gu'n dib.lt Dia mi — nach 'eil è 'g èisdeachd m' urnuigh."
Tìonndaidhear so uile gu moladh an sin. Gheibh sinn
fois o gach mothachadh air corruich Dhia. Cha bhi
eagal ifrinn idir air nèamh. Air uairibh, " chuimhnich"
an t-anam gràsmhor " air Dia, agus bha è fo bhuaireas,
rinn è gearan agus chlaoidheadh è, agus dhitilt è solas a
ghabhail ; luidh fearg Dhè air gu teann, agus chlaoidh
Dia è le 'thonnaibh uile." Ach dearbhar dhuinn air an
là sin, ged " dh'fholaich Dia a ghnùis uainn car tiota ;"
fathast " le caoimhneas sìorruidh nì e tròcair òirnn."
Isà. 54. 8. Gheibh sinn fois o uile bhuairidhean Sh&t-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence