Skip to main content

‹‹‹ prev (63) Page 43Page 43

(65) next ››› Page 45Page 45

(64) Page 44 -
44 Oìrdhearcas
a' Chriosduidh air uairibh, " nach robh agam Canàan
anns an f hàsach ! O nach robh agam òrain Shioin ann
an t\r choimhich ! nach robh agara caladh ann am
meadhon a' chuain ! nach robh agam fois o theas an
là! nach robh agam nèamh mu'm fàg mì 'n talamh."
Agus nach bu deadh-thràthail, taitneach sin uile ?
7. Agus bithidh an f hois so freagarrach. Bheir
nàdur nuadh nan naomh air an spioradan làn-chòrdadh
ris an f hois so. Gu dearbh cha n-eil ni eile 'n an naomh-
achd ach sradag air a toirt às an " eileamaid" so, — an
còrdadh ris an f hois, — agus air alasadh 'n an cridheachan,
le Spiorad Chriosd : agus bithidh an lasair naomh sin,
a ta bho Dhia, a' sior-aomadh a dh-ionnsuidh an àite às
an tàinig ì. Cha b' urrainn rioghachdan 'us cruintean
timeil fois ullachadh do na naoimh. Cha b'ànn le
nithibh cho truaillidh sin a bha lad air an saoradh.
Mar sin, cha truaillidh, bochd an nàdur idir. Is kill le
Dia lad aoradh spioradail a thabhairt dhà, — aoradh
freagarrach d'a bhith spioradail fèin, agus a chum sin
a dheanamh, bheir è dhoibh fois spioradail a' freagairt
d'an nàdur spioradail. Làn eòlas air Dia agus air Criosd,
tlachd aoibhneach anns a' ghràdh mhòr sin taobh-air-
thaobh, gàirdeachas siorruidh ann am mealtuinn ar Dè,
agus buan shèinn a chliu. Is nèamh sin do na naoimh.
An sin bithidh sinn beò ann ar " n-eileamaid" feui.
An so, tha sinn mar iasg ann am soitheach 'us beagan
uisg' aig' ànn, — uiread 's a chumas beò è. Ach c\od è
sin ann an coimeas ris a' chuan ? Tha deò-anail beag
-againn an so fo àile nan spèur, ach ciod è sin ann an
coimeas ris na h-osagaibh urachaidh a gheibhear air
" sliabh Shioin ?" An so tha gath-soluis againn o'n
ghrem a chum ar dorchadas a shoillseachadh, agus gath
blàth chum ar cumail o reothadh ; ach an sin, bithidh
sinn beò ann an solus, agus ath-bheothaichear sinn le
teas na grèine gu siorruidh. Bithidh miann nan naomh
arèir an nàduir ; agus is è miann ar nàduir air 'ath-
nuadhachadh do'm bheil an f hois so a' freagairt. Fhad
's a bhios ar miann truaillidh, seachranach, is mòr an
tròcair a dhiultadh : is feàrr a ghearradh is gu lèir na
idir a riarachadh. Ach is ann de " shuidheachadh" an
Tighearna fern an sluagh spioradail, agus " uisgichidh"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence