Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 40Page 40

(62) next ››› Page 42Page 42

(61) Page 41 -
Fois nan Naomh. 41
nan ceud-ghin, a tha sgrìobhta 'sna nèamhaibh, agus gu
Dia breitheamh nan uile, agus gu spioradaibh nam tirean
air an deanamh foirfe, agus gu Iosa eadar-mheadhonair
a' choimhcheangail nuaidh, agus chum fola a' chrath-
aidh, a tha 'labhairt nithe a's fekrr na fuil Abeil." Ealih.
12. 22. Ach tha sinn air teachd a dh-ionnsuidh an
ionaid sin cheana, do thaobh còir, eàrlais agus ceud-
thoraidh : ach an sin, thig sinn gu làn sheilbh 'fhaotuinn.
Ma's sonas a bhi beò maille ris na naoimh 'n an staid
neo-iomlain 's a' bheatha so far am faighear nithe searbh
a' pheacaidh 'n an comunn, cho maith ri nithe milis na
naomhachd, cia mòr an sonas a bhi maille riutha 'n an
staid iomlain far am bheil na naoimh uile gu le"ir 'n am
fior naoimh! Is òirdhearcas comharraichte dhuinn-ne aim
ar fois nèamhaidh, gur sinne " luchd aon bhaile ris na
naomhaibh agus muinntir-teaghlaich Dhè." Eph. 2. 19.
5. So anis buaidh àraid eile ann ar fois-ne : gheibh
sinn a h-aoibhneas ball- dir each o Dhia fèin. An dràst,
cha ruigear air dad sam-bith ball-direach, ach tre dhara
làimh, treas làimh, no iomadh làimh, o'n talamh, o'n
duine, o'n ghrem 's o'n ghealaich, o f hrithealadh nan
aingeal, agus o'n Spiorad 'us o Chriosd. Ged nach 'eil
droch bhlas a' pheacaidh, no neo-iomlanachd pheacach
air sruth na firinn mar thig è h-ugainn tre làimh nan
aingeal, gidheadh gheibhear bias neo-iomlanachd nan
crèutairean dheth. Mar thig è o'n duine, gheibhear an
dà bhlas sin air, eadhon bias a' pheacaidh agus neo-
iomlanachd a' chrèutair. Ach nach " beò agus cumh-
achdach focal Dè" ànn-fèin " chum eadar-sgaradh !"
Eabh. 4. 12. Ach gu trie, cha n-eadar-sgair è an cridhe,
'nuair is lag an làmh a ta 'g a làimhseachadh. Cia mòr
lànachd 'us luach gach focail de'n t-soisgeil bheann-
aichte ! Gu leòr, shaoileamaid, gus an t-anam a's mairbhe
a bhioradh, a ghluasad agus 'uile smuaintean agus
'aignidhean a làn-ghlacadh ; ach gidheadh, cia trie, mo
chreach ! a thuiteas an soisgeul air a' chluais mar uisg
air cruaidh chloich ! Is nèamhaidh nithe Dhà, a ta sinne
'làimhseachadh, ach is talmhaidh ar dòigh làimhseach-
aidh orra. Is gànn ni ris am bean sinn air nach fàgar
lorg ar meòir 'n ar dèigh. 'Nuair a labhras Dia fèin am
focal, air chinte ? is focal eadar-sgaraidh agus leaghaidh
e3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence