Skip to main content

‹‹‹ prev (39) Page 19Page 19

(41) next ››› Page 21Page 21

(40) Page 20 -
20 Cùnntas mu Nàdur.
cia beannaicht' a' mhaduinn ! cia beannaichte là glòr-
rahor nan naomh ! 'Anam bhochd, iriosail, f hannaichte,
nach bu mhòr d' aoibhneas anis, na'n cluinneadh tu guth
o nèamh ag ìnnseadh dhuit mu gliaol Dhia, mu mhaith-
eanas do pheacaidh, 'us è 'g a do dheanamh cìnnteach
air do chuid anns na h-aoibhneasaibh sin ! Ach cia mòr
d' aoibhneas 'nuair a bhitheas làn fhios agad air do
chòir orra le bhi 'g an làn-mhealtuinn, 'us tu air do
thogail suas gu nèamh, ach beag gun fhios duit, ainglean
'g a do ghiulain a dh-ionnsuidh Chriosd, 'us Criosd,
raar gu'm b' eadh, 'g a do ghabhail air làimh, 'g a do
threòrachadh a dh-ionnsuidh na h-oighreachd ceann-
aiehte, 'g a d' f hàilteachadh a dh-ionnsuidh na foise,
'g a do nochdadh neo-lochdach an làthair Athar, agus a'
tabhairt dhuit d' àite timchioll a righ-chaithreach ! Nis
a chreidmhich bhochd, ciod a their thu ris an là sin ?
Nach bi thu ach beag, ullamh gu seasamh air d' ais ag
ràclh " Ciod è so ! Mise, a Tighearna ! Mise ! neach cho
neo-airidh a rinn dearmad air do ghràs, dimeas air
d 'f huil agus tàir air do ghràdh ! Am faigh mis' a' ghlòir
so ? Cha n-airidh mi idir gu'n goirteadh mac dhiom !
Ach is ì so toil a' ghràidh ! m' anam I air an aobhar
sin, gabh astigh d'a aoibhneas ?
Agus cha n-ann agads' amhàin a bhitheas an t-aoibh-
neas so. Gheibhear an t-aoibhneas cho maith ris a'
ghràdh so, aig uile luchd-àiteachaidh nèimh. An robh
aoibhneas air nèamh air là d' iompachaidh, agus nach
bi aoibhneas an sin air là do ghlòrachaidh ? Nach
fàiltich na h-aingil thu do nèamh, agus nach dean iad
comh-ghairdeachas airson do theachd sàbhailt ? Is iad
a ni. Seadh, ni Criosd gàirdeachas. 'Nuair a gheibh
sinne aoibhneas, chi Criosd crioch a ghnothaich, crioch
a shaothair, crioch 'fhulangais agus a bhàis. 'Nuair
a bhitheas è " air a ghlòrachadh 'n a naomhaibh, agus
iongantach ànnta-san uile a ta 'creidsinn," " chi e do
shaothair 'anama agus bithidh e toilichte." Isà. 53. 11.
Is è so foghar Chriosd, 'nuair a bhuaineas è toradh mòr
a shaothair. An sin, cha bhi aithreachas air idir airson
na dh'f huilig è, ach ni è gàirdeachas thairis air a phobull,
— an oighreachd a cheannaich è, — agus ni ìadsan gàird-
eachas ann-san. Seadh, gabhaidh an t-Athair fèin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence