Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 10Page 10

(32) next ››› Page 12Page 12

(31) Page 11 -
Fois nan Naomh. 1 1
e? Air. 23. 19. Seadh anis mar is flor an Tighearn
Dia, " Mar so nithear do'n duine air an toil le" Criosd
" urram a chur." Est. 6. 11. Biodl\deadh mhisneachd
agad, a Chriosduidh, is goirid an ùin gus am bi Dia
agus tusa.fagus d' a che'ile, cho fagus agus is nrrainn
thu a dheadh-mhiannachadh. Gabhaidh tu còmbnuidh
'n a theaghlach. Nach leòr sin ? " Is feàrr a bhi ri
dorsaireachd ann an tigh Dhè, na bhi chòmhnuidh ann
am pàilliunaibh aingidheachd." Seasaidh tu gu sior-
ruidh 'n a làthair, timchioll a righ-chaithreach, astigh
'n a sheòmar maille ris. Am b' àill leata, bhi na's f haisg'
air ? Bithidh tu mar leanabh dhà, agus bithidh esan
'n a Athair dhuit. Bithidh tu 'n ad' oighre air a riogh-
achd : seadh, tuilleadh fòs, 'n ad' cìièile d'a Mhac.
Ciod tuilleadh a b' urrainn thu 'mhiannachadh ? Bithidh
tu 'n ad' bhàll de chorp a Mhic ; agus bithidh am Mac
'n a Cheànn dhuit. Is aon thu maille ris-san a's aon
maille ris an Athair, mar ghuidh è o'n Athair air do
shon, " Chum gu'm bi iad uile 'n an aon ; chum mar a
ta thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa, gu'm bi
iadsan mar an ceudna 'n an aon annainne ; chum gu'n
creid an saoghal gu'n do chuir thusa uait mi. Agus
thug mise dhoibh-san a' ghlòir a thug thusa <dhomh-sa,
chum gu'm bi iad 'n an aon, mar a ta sinne 'n ar n-aon ;
mise annta-san, agus thusa annam-sa, chum gu'n deanar
coimhlionta iad ann an aon ; agus a chum gu'm bi fios
aig an t-saoghal gu'n do chuir thusa uait mi, agus gu'n
do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise."
EÒ. 17. 21-23.
5. Anns an f hois so tha " gnàth-oibreachadh milis
aig uile chomasaibh agus aig uile bhuaidhean an anama
agus a' chuirp ann am mealtuinn so Dhe\" Cha n-ion-
ann so as fois cloiche a sguireas de ghluasad cho luath
*■ 's a ruigeas ì a h-àite-tàimh. Atharraichear an corp,
ionnus nach fuil 'us feòil è ni's mò, oir cha n-f heudar
le feòil agus fuil rioghachd Dhe a shealbhachadh, ach
le corp spioradail." 1 Cor. 15. 50. " Cha 'n e an corp
a bhitheas a ta sinn a' cur. Ach a ta Dia a' toirt cuirp
dhà mar bu toil leis, agus do gach uile shiol a chorp
fein." Mann 37, 38. Ma tha gràs ag atharrachadh a'
Chriosduidh o'n staid '* an robh è roimhe. cho mòr as

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence