Skip to main content

‹‹‹ prev (26) Page 6Page 6

(28) next ››› Page 8Page 8

(27) Page 7 -
Fois nan Naomh. 7
nach bi feum oirre, ach bithear a' làn-mhealtuinn nan
uile nithe maith a b'àbhaist duinn a bhi 'g iarraidh ann
an ùrnuigh. Cha bhi feum air trasgadh, air guil, no
caithris ni's mò, oir bithidh sinn saor o gach peacadh
agus buaireadh. Thig crioch air searmonachadh ;
sguiridh ministearachd an duine. Cha bhi fèum air na
sàcramaidean. Tha an luchd-oibre air an gairm, do
bhrigh gu'm bheil am foghar air a chruinneachadh, an
cogull air a losgadh, agus an obair crìochnaichte ; bithidh
an sluagh neo-iompaichte gun dòchas, agus na naoimh
gun eagal, gu siorruidh.
2. Tha " làn shaorsa bho gach olc" anns an f hois
nèamhaidh, seadh o gach olc a bha riamh ag iadhadh
umainn fad ar turuis, agus a dh-f hèumas ar leantuinn,
fhad 's a bhitheas sinn dealaichte bho'n àrd mhaith.
A bhàrr air sin, tha saorsa againn o lasraichean agus o
thruaighean siorruidh fo'm bheil iadsan, a rinn tàir air
Criosd agus air a ghràs, a' fulang gun stad, agus sin
am peanas eagalach air an robh sinne airidh araon do
thaobh ar breith agus toilltinneas ar deanadais, cho
maith riutha-san ! Ann an nèamh cha n-'eil " ni air-
bith a shalaicheas," no ni neo-ghlan. Tha iad sin uile
air "an taobh a muigh." (Faic Taisb. 21. 27. agus
22. 15.) Cha n-'eil bròn, no doilgheas, no ni sam-bith
mar sin air nèamh. An sin, cha n-'eil aoduinn ghlas,
corp f ànn, uilt laga, naoidheanachd gun treòir, aois chrlon,
chrom, droch.galar, Càil aimhleasach, tinneas cràiteach,
eagal, goirteachadh, no seargadh, no ni sam-bith do'n
ainm olc. Rinn sinne guil agus caoidh 'nuair a bha
an saoghal ri gàirdeachas ; ach pillear ar bròn gu gàird-
eachas, agus ar gàirdeachas cha bhuin ,neach air bith
uainn'. EUn. 16. 20, 22.
3. Gheibhear anns an fhois so, " an cèum a's àirde
de iomlanachd phearsantail nan naomh, faraon do thaobh
cuirp agus anama." Air meud an glòir, bu bheag dhoibh
è, mur biodh an cuirp agus an anamanan air an deanamh
comasach agus freagarrach air son glòir'. " Cha 'n f haca
suil, agus cha chuala cluas, agus cha d'thkinig ann an
cridhe duine, na nithe sin a dh'ulluich Dia dhoibh-san
aig am bheil gràdh dhk." 1 Cor. 2. 9. Cha n-'eil an
t-stiil f heòlmhor comasach air na nithe sin 'fhaicinn. no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence