Skip to main content

‹‹‹ prev (2) Inside front coverInside front cover

(4) next ››› Page 2Page 2

(3) [Page 1] -
GUIS NA “VOLUNTARIES” GUN STEIDH;
NO,
Coir agus Dleasdanas gach Rioghachd an Creideamh
Criosdaidh aideachadh agus a Chleachdadh.
LEIS AN OLLAMH URRAMACH
SEUMAS BEGG.
AIR EADAR THEANGACHADH GU GAIDHLIG.
“ Oir an cinneach agus an rioghachd nach dean seirbhis dhuit, bithidh iad caillte ;
seadh sgriosar na cinnich sin gu tur.”—Is. lx. 12. “Bithidh esan a riaghlas
os ceann dhaoine ceart, a’ riaghladh ann an eagal DA”—2 Sam. xxiii. 3. “ Oir
dhoibhsan a bheir urram dhomhsa bheir mise urram.”—1 Sam. ii. 30. “ Oir
cha ’n ’eil cumhachd ann ach o Dhia ; agus na cumhachdan a ta ann, is ann le
Dia a dh’orduicheadh iad ..... oir is esan seirbhiseach Dhe chum maith
dhuit.”—Rom. xiii. 1-4.
Tha e air a runachadh leis na “ Voluntaries,” cha ’n e
an Eaglais Steidhichte ath-leasachadh, no a deanadh na
’s fearr, ach a tilgeadh bun-os-ceann, agus a h-ionmhas
a chaitheamh ann an aobhair aimsireil; agus mar so an
Rioghachd a sgaradh gu tur bho ’n Eaglais, agus bho
aidmheil Chriosdaidh sam bith. Tha mdran de dhaoine
a’ meorachadh agus a smuaineachadh, ma luidheas
cairdean Eaglais na h-Alba an clo cadail, agus ma bhith-
eas an Rioghachd air a dusgadh gu mothachadh
fhaotainn air ionmhas nan Eaglaisean Steidhichte, gu’m
feud Luchd-riaghlaidh eirigh am Parlamaid Bhreatuinn,
a thilgeas a thaobh na h-Eaglaisean Steidhichte airson
fabhar agus comhnadh na “ Voluntaries ” fhaotainn air
an taobh. Tha e uime sin ro fheumail gu’n seall daoine
glice air a’ chilis gu soilleir, agus gu’m breithnich iad a’
chilis gu ceart, agus gu’n tuig iad gach ole a thig an
lorg na “ Voluntaries!'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence