Skip to main content

‹‹‹ prev (48) Page 47Page 47

(50) next ››› Page 49Page 49

(49) Page 48 -
4S
is ann a t fhabhar, ’s ar n uile smaointe,
bhriathra, agus gniomhara bhi chum do ghloir.
O! na ceil oirn do throcair, no mothacha
solasach air do lathaireachd. Deanadh do
fhreasdal an diugh ar dion, do Spiorad ar
stiuradh, agus do ghras ar coghnadh !
Maille ruinne, biodh uile theaghlaiche na
talmhainn air an toirt gu eolas an aon Dia, ’s
aon Eadar-mheadhonair, Iosa Criosd. Maille
ri sochairibh cruthachaidh agus freasdail, thoir
dhoibh, a Dhia, sochaire na saoirse, ’s
craobhsgaoil ’nam measg solus agus slainte do
shoisgeil. Mar so, biodh Iosa Crxosd 'na
sholus a shoilseacha nan uile chinneach, is ’na
ghloir do d’phobul Israel.
Deonuich gu bi sinne, anns na rioghach-
daibh so air an do dhealruich Grian na firean-
tachd, curamach gu gluasad ni 's mb’s ni’s
mb mar is cubhai’ do chlainn ant soluis, is a’
cur cul ri oibribh neo-tharbhach an dorchadais.
—A chum na criche so, biodh ar righ agus ar
luchd-riaghlaidh air an riaghladh leatsa.
Comhairlich luchd ar comhairle, teagaisg
luchd ar teagaisg, is bitheamaid gu leir air ar
teagasg le Dia.
Tha sinn a’ guidhe gu faigh ar coimhears-
naich agus ar cairdean cuid do na sochairibh
aimsireil agus spior.-.dail a tha sinn a guidhe
air arson fein. Tha sinn a’ guidhe gu fas ar
naimhde 'nan cairde dhuitsa agus dhuinne,
's gun oibrich thu anns gach aon againne
deagh-thoil do na h uile dhaoine, le diirachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence