Skip to main content

‹‹‹ prev (43) Page 42Page 42

(45) next ››› Page 44Page 44

(44) Page 43 -
43
’S mar tha ?>inn, oi’che ’n deigh oi’che, a’
teachd ni’s dluithe do na nithe soleimnte so,
O deonuich, a Dhia, gu bi ar n ulmhacha’
do reir sin a’ fas ni’s paiite. Bitheamaid gach
la gar ceasnacha’ fein ciod na mearachdan a
leasaich sinn, ciod na peacaidh a threigh sinn,
ciod na buaireannan air an d’ thug sinn buaidh,
agus ciod a bhuil a thug sinn as ar n uine’s
as ar cothrom. Nuair a bhios sinn tosdach air
ar leabai’ ’s an oi’che, deonuich gu bi coradh
againn r’ar cridhe fein mu thiomchioll nan ni-
the so. Gach uair a chuireas sinn d’inn ar n
eideadh, ’s a luidheas sinn asios air ar leabai,
bitheamaid cuimhneach air an uair sin anns an
cuir sina d’inn a cholann thalmhaidh so, ’s
anns an luidh sinn an’ leabai’ na h uaighe; a
chum as nach bi am bas ’na uabhas duinn an
uair a thig e.
O Athair na h uile! bi trocaireach do na h
Iuile dhaoine. Saor gach cearna do ’n saoghal o
aineolas, o aingidheachd, o iodhahaora’, ’s o
sbao’-chrabha’. Cuir casg air ana-creideamh
is ain-diadhachd, is na leig le innleachd air bith
soirbheacha’ ’n aghaidh rioghachd do Mhic.
Biodh a rioghachdsan oscionn gach rioghachd,
is biodh ainm gu siorruith beannuichte. Bean-
nuich ar duthaich, ar righ, is ar luchd-riagh-
faidh. Dean maith do neach air bith a rinn no
dhuraichd maith dhuinn; ’s thoir maitheanas
do neach air bith a rinn no dhuraichd dhuinn
eucoir. Thoir dhoibhsan seirc, ’s thoir dhuinne
tearuinteachd, ’nar cliu, ’nar maoin agus ’nar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence