Skip to main content

‹‹‹ prev (314) Page 304Page 304

(316) next ››› Page 306Page 306

(315) Page 305 -
305
RANN
A rinn am bard, agus e air tighinn a stigh do thigh Dail-
choinnidh, sgith, ocrach, air turns o ’n taobh-deas, agus
buidhean ’n an suidhe ri biadh ann. Dh’ iarr am bard cead
suidhe leo, agus air dha sin fhaotainn, agus dronn muilt-
fheoil bhi aig an fhear a bha ’n ceann a’ bhuird ’n a dhorn,
thubhairt Rob Bonn
Fhir tha spiolladh na druine,
Cuir an so an drama,
’S mur lion thu dhomhs’ a’ gliloine,
Thig mi ort ni’s tinne.
RANN DO DHDINB ARAIDH,
Air an do thachair am bard latha, agus an duine air slighe
dol a tharruing moine; thug iad an tigh-osda orra le cheile ;
’s ’n uair dh’ ol iad roinn mhaith, ’s ann a b’ aill leis an duine
eile gu ’n deanadh Rob Bonn rann da ; agus fhuair e sin.
Cia b’e dlieanadh mar rinn thus’,
Bu mhisd’ se e gu brath ;
Chaidh thu latha tharruing moine,
’S ghabh do sg6rnan blath’s ;
Ghabh thu pathadh air an rathad,
’S rinn thu caitheamh bath ;
’S d’ a’ mheud’s a shluig thu,
Aon neach cha tuigeadh
Diog a bha thu ’g radh.
an duine sanntach agus an saoghal,
A’ gearan air a cheile.
’S mi-chomaineach thusa, Shaoghail,’s b’ abhaist
duit,
’S ole a leanadh tu ri daoinibh a leanadh riut;
Am fear a cheangail sreang gu teann riut, leis
a’ ghlut;
’N uair tharruing gach fear a cheann fein di
’s es’ a thuit.
c c 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence