Skip to main content

‹‹‹ prev (285) Page 275Page 275

(287) next ››› Page 277Page 277

(286) Page 276 -
276
Ach na saoilsinn-s’ gu’m b’ leis e,
Mu’s cuirteadh ceist air no gruaman,
Chumainn fein e ri baisteadh,
Air son an eicli ud a fhuair mi.*
Hithill ohoro thugaibli, &c.
Tha cagar beag again fatbast,
E’ a thoirt do fhear Eilein Shanndaidh,
Bha e’m Baile-na-cille,
Mu ’n trath so ’n uraidh’s a’ gheamhradli;
0 ’n tha ’n t-athair mi-chinnteach,
’S gu’m faod cuiblileachad tionndadh,
’S ann’s coir a bhiadhadh gu falchaidh,
Is gu ’n dearbhar a’ clilann air.
Hithill ohoro thugaibh, &c.
RANN A RINN AM BARD,
Air dha blii oidhche nollaig an Tunga, agus air do Sheoras
MacLeoidbhi ri piobaireachd, fhad’s a bha na h-uaislean r’
an dinneir, leig iad di-chuimhne ’n uair sguir e, fios a chur
air a stigh do’n tigh. G-habh e fearg ri so, agus thug e an
tigh osd air : ’n uair chuireadh fios air a’ bhard a stigh far an
robh na h-uailsean, ’s e so an rann a ghabh e dhoibh.
Theid mise an deigh Sheorais,
Oir is coir dhomh blii am fagus da;
Oir’s braithrean ann an cedi sinn,
An comhradh beoil’s am feadaireachd,
Oir is duine ciallach e,
Da’m bi luchd-fiarais freagarrach,
’S tha duil agam gu ’n tair mi e,
’S an tigh tha mlian o ’n eaglais.
A’ chuirt bha ann an Tung' againn,
Gur fada’s cuimhne ’n cleachdaidhnean ;
Bha breitheamh agus Cleireach ann,
Gun reuson no gun cheartas ac’,
* Thug an duine uasal so each do ’n bhard goirid roimh so.
“ An lamh a bheir, ’s i a gheibh.”

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence