Skip to main content

‹‹‹ prev (199) Page 189Page 189

(201) next ››› Page 191Page 191

(200) Page 190 -
190
ORAN AIR FLEASGACH OG,
’S a leannan air posadh fir eile, agus e fagail na duthclia.
Ho, gur muladaeli, trom, sgith mi,
Hoi do ’n tir naoh ’eil mi edlach.
Ho, gur muladaoli, &c.
Thaobli na te do’m blieil mo rogliainn,
Tha mi ’n duil nach meallar oirnn i.
Thaobli na te, &c.
’S maith a b’ aithne dliomh chur an ordugh,
’H rud a dh’ fhag an tos cho mor thu,
’S maith a b’ aithne dhomh, &c.
L6n an i-Srafh-bhig, ’s maith gu spreidh e,
Bad-an-t-Sluichd’m bi feidh, is gabhra.
Lon an t-Srath-bhig, &c.
Comhairl’ ort, a Naoghais ’C Iain,
Pairt de ’n mnathan tha iad goraoh,
Comhairl’ ort, &c.
Cha seall iad ri car am buannachd,
Gabhaidh iad an uaill a’s boidhche;
Cha seall iad, &c.
Ach bheirinn comhahT ort mu ’n t-suiridh,
’S nach ’eil thu mu ’n iorghuill e61ach.
Ach bheirinn comhairl’, &c.
Bi gu fearail, foinnidh, sgiamhach,
’S bi gu briathrach, bruidhneach, pogach,
Bi gu fearail, foinnidh, &c.
Na leig as a’ ghlacadh mheann i,
Ach comhlaich ann’s gach ceann do ’n chro i.
Na leig as a’ ghlacadh, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence