Skip to main content

‹‹‹ prev (181) Page 171Page 171

(183) next ››› Page 173Page 173

(182) Page 172 -
172
Gu Toheil greim do dlia clieaird ac’,
Gur mor is fearr e na ’n t-or,
’S maith an toimhsean sin da-san,
Nach do thach e paisteachan 6g ;
’S maith a’ cliall do fhear teaghlaich,
A fhuair chloinn ’n uair bu choir,
Te chumas ris, ’n uair hhios fonn air,
’S nach tarruing trom air r’ a bheb.
’S e mo bheachd air bhur bargan,
Gu’m bi e sealbhach gu leoir,
Cha tig gainne gu brath oirbh,
Do dh' im, a’ chaise, no dh’ fheoil;
’S e sud turus a’s ciallaich’,
Einn duine riamh a bha post’,
’N ath bhean theid e a’ dh’ iarruidh,
Gun bhi neo-chiallach, na 6g.
Smuainich mise gu’m b’ fhearr dha,
Dol g’ dearbhadh re seal,
Dh’ fheuch nach deanadh i di-meas
Air fear bha ’n saoghal cho fad;
Cha d’ fhuair i duine cho cuimseach,
Thilgeadh urchair air geal;
Ach an t-urrarJi do Shannsaid,
Mu ’n do chaisg a’ bhantrach a ghoil.
Fhuair thu taghadh do dh’ armaibh,
Dhol a’ shealgach an fheidh,
Fhuair thu gunna bha boidheach,
Is bu sheolt’ air a gleus,
Thug e trom chun a chridhe,
Do ’n chlaisich bhuidhe aige fhein ;
Is thug e seana chlaiseach Bhiogais,
Do ’n fhear bu sgiobailte leum.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence