Skip to main content

‹‹‹ prev (142) Page 132Page 132

(144) next ››› Page 134Page 134

(143) Page 133 -
133
Thunga thug e ’n urchair sgiobalt,
Shealltuinn air Bio gas gun dail,
Leught’ ’n a aodann e bhi abuich,
Leis an fhreagairt thug e dha.
Sud e ’n a roith, &c.
Dh’ fhaighnich e’m faigheadh e caileag,
’M faigheadh e roghann a dha ;
’S coma leam tana, no tiugh i,
’S coma leam dubh i, no ban.
Sud e ’n a ruith, &c.
Feumaidh tu fearann gu aran,
Feumaidh tu baile no dha ;
Airgiod bhi le toirm ’n ad sporan,
Feitheamh ri ceannachd o chach.
Feumaidh tu tigh, feumaidh tu daimh,
Feumaidh tu crodh theid a dhair ;
Feumaidh tu tigh, feumaidh tu daimh,
Feumaidh tu crodh theid a dhair.
’JS1 uair dh’ionnsuich e nach ceannsaicht’.Biog'as,
Leis na bh’ aige-se air blar ;
Chaidh e ’n sin a suas gun athadh,
Shealltuinn air Strathaidh gun dail.
Sud e ’n a ruith, &c.
’N uair chunnaic Strathaidh a dhronnag,
’S nach robh a thomult ni b’ fhearr,
’JST aodann chuireadh faoilt’s na ballaibh,
B’ eigin a cromadh gu lar.
Sud e ’n a ruith, &c.
Bainig e ’n sin Seumus Sgeireidh,
Gu dearbh cha do cheil mar bha ;
Labhair e gu magail, sgeigeil,
Ged nach robh aige ni b’ fhearr.
Sud e ’n a ruith, &c.
M

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence