Skip to main content

‹‹‹ prev (100) Page 90Page 90

(102) next ››› Page 92Page 92

(101) Page 91 -
91
MARBHRANN AIR MAIDSEAR MAO ILLEAN,
A chaidh mharbhadh anns a’ Ghearmailt.
Ciod a dh'fhairich sibli bliairde,
Anns na h-aitibh s’, ’s gur balbh sibh,
Gun bhi oleachdadh bhur talann
Mu na Gaidheil a b’ fhearr dhiu :
Thuair sinn naidheachd a Sasunn,
Gun chaill sinn fleasgach’s a’ Ghearmailt,
Am Maidsear 6g Mac Illean,
Bu tearc a leithid’s an armailt.
Ma ghabhas mis’ orm a’ dh’ aodann
Dhol a shineadh mar cheud fhear,
’S e aon aideachadh ni mi,
Gur beag a chi mi do ’n b’ fhiach thu ;
Fhir fhuair comasan inntinn,
Gu gnothuch cinnt o na ciochaibh,
Nach fhaic sibh ’leithid a rithis,
Air ochd thar fhichead do bhliadhnaibh.
Gur h-e ’n t-aobhar mu ’n d’ shin mi,
Ei bhi ’g innseadh do bheusan,
A chur beagan’s a’ Ghaelic,
De ’n chuir each anns a’ Bheurla,
Air chor’s gu ’n cluinneadh ar n-alach,
Am measg an araichear treun fhir,
An cliu acaineach ard sin,
Thug Prionns’ Ferdinand fein ort.
Gu bheil t’ athair’s do mhathair
Gu ro chraiteach ’g ad ionndrain,
Tha do phiuthair’s do, bhrathair,
’S cha ’n e mhain ach na prionnsa ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence