Skip to main content

‹‹‹ prev (98) Page 88Page 88

(100) next ››› Page 90Page 90

(99) Page 89 -
89
Co an nabaidh no ’n caraid,
A clmir aithn’ air do bheusaibh,
Do nach b’ aobbar gu osnaicli,
A luaith’d’s a choisinn an t-eug thu;
Fbir bha gealltuinn le d’ chomas,
Blii do ’n fliolluiseacM feumail;
Blia thu treun ann am pearsa,
’S ni bu treis’ ann an reuson.
A bhi ’g innseadh do chliu-sa,
Thug sud dubhlan do m’ gheurad,
Lughad aireamh do laithean,
Agus feabhas do bheusan ;
Fhuair thu comain o ’n Ard-Eigh,
Air nach d’ rainig na ceudan,
0 ’n la dh’fheuch iad am brod duit,
Cha robh stad ann ad fhoghlum.
0 ’n uair’s an d’ thainig am fleasgach,
Gu am cleachdaidh a thuigse,
Cha do shuidh e mu bhord,
Nach tugadh ’fhoghlum gu meas e ;
Bha e ’n a ghaisgeach neo-sporsail,
Is ’n a phoitear neo-mhisgeach,
Ciod a’ chuideachd a chunntar,
As nach ionndrain a nis o.
Fhir nach d’fhuair sinn ach ias’d dhiot,
Ann am bliadhnachaibh goirid ;
Fhir a thiorcadh na dh’ earbadh,
’S fhir a dhearbhadh na theireadh ;
Fhir bu mheasa do d’ namhaid,
'S fhir a b’ fhekrr do charaid,
Tha do chliuth-sa cho laidir,
’S nach do bhasaich e mar riut,
h 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence