Skip to main content

‹‹‹ prev (38) Page 28Page 28

(40) next ››› Page 30Page 30

(39) Page 29 -
29
Tha iad tuiteam mu ’n cuairt duinn,
Mar gu’m buailt’ iad do pheilear,
Dean’maid ullamh, ’s am fuaim so,
Ann ar cluasaibh mar f liarum ;
Fhir a’s lugha measg mliorain,
An cual thu Eoghann fo ghalar 1
Fhir a’s mo anns na h-aiteach’-s’,
An cual thu has Mhr. Pelham ?
’S cian fada, &c.
: Ach a chuideachd mo chridhe,
Nach toil- an dithis-s’ oirnn sgathadh !
I Sinn mar choinneal an lanntarn,
’S an da cheann a’ sior chaitheamn ;
I C’ ait an robh anns an t-saoghal,
Eeach a b’ ils’ na mac t’ athar s’ 1
’S cha robh aon os a cheann-sa,
Ach an Eigh bh’ air a chaithir.
’S cian fada, &c.
MAEBHRANN
Do Mhr. Murchadh MacDhomhnuill, Ministeir, Sgire Dhiuir-
innis, an Duthaich Mhic-Aoidh. B’ ann’s an Sgireachd so a
i rugadh’s a thogadh am bard, ’s a bha e chomhnuidh; bha
j Mr. MacDhomhnuill so ’n a dhuine urramach, ainmeil,
measail; treun ann an teagasg, diadhuidh ’n a ghiulan ; agus
’s e iomradh gach neach, nach robh cliu a b’ f hirinneiche na
tha am bard a’ toirt da an so.
’S e do bhas, Mhaighstir Murchadh,
Einn na h-aitean so dhorchadh,
’S ged chaidh dail ann do mharbhrann,
Labhraidh balbhachd ri ceill.
Ea’m biodh a’ Chriosduidheachd iomlan,
Cha rachadh di-chuimhn’ air t’ iomradh,
No do ghniomharan iomlaid,
Ach leantadh t’ iomchan-s’ gu leir;
c 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence