Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
19
Faodar am biadhadh, an tomlias mor, le buntata
bruich air a phronnadh (cha chosd buntata meanbb
acli lior bheagan) air a mheasgachadh le sadach, no
pronn, no cruithneachd Innseanach air a bhruthadh,
no cath, no cruithneachd no eorna bocbd. Cosdaidli so
rud-eigin fo aon sgillinn am punnd, agns cumaidh aon
phunnd d’ an taois so, anns an t-seachdain, leis na ni i
a sholar air a son fhein, a’ chearc ann an deagh shlainte,
agus bheir e comas di paidheadh gu math air son a
bidh agus a fardaich.
Tha uibhean a’ gheamhraidh gu mor air an cur am
feabhas, le bhi a’ measgachadli le biadli nan cearc,
sgamhan no grumhan raairt no caorach, air a bhruich
agus air a phronnadh ; no seorsa air bith fheola ; tha
so a’ deanamh suas aite nan cnuimheag !s nan cuileag
a gheobh na cearcan air an achadh ’s an t-samhradh,
agus air a bheil iad cho toigheach.
Is iomadh rud a thig eadar an tuathnach no an
croitear agus a’ bhuannachd ris am bi suil aige bho’n
bharr, ach ciod e meud na h-amaideachd a tha ann da
toiseachdh le stoc chearc, abramaid de na “ Black
Hamburghs,” gach aon diubh a’ breith dha anns a’
bhliadhna, theagamh 200, no an corr, adh-uibhean; agus
an sin leigeil le a namhaid coileach-dunain riomhach a
bhuileachadh air, a chumail cuideachd riu — coileach
nach do bhreithnich aon d’ a shiol no d’ a ghineal riamh
air tuilleadh agus leth-chiad ubh ’s a’ bhliadhna a
bhreith ; agus sin air a’ cheart urad dhragh' agus
chosdais.
Agus a nis, tha dochas agam gu bheil mo leugha-
dairean a’ tuigsinn nach ’eil e glic tuilleaclh “ talamh-
aitich” a thoirt do aon air bith na tha e da-rireadh
comasach air “oibreachadh,” air alt’s gun toir e seachad
a lan diol de thoradh.
Chaidh mi gu mionthairisair na ciadan de chroitean,
agus chan fhaca, agus cha chuala mi iomradh air aon
(ach mo chroit fhein an so) a bha air a h-oibreachadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence