Skip to main content

‹‹‹ prev (16) Page 12Page 12

(18) next ››› Page 14Page 14

(17) Page 13 -
iad ’aitheantan ann an cridhe an cainnt agus an
gniomharan, gu’n deanadh iad aithreachas agus
ath-leasachadh nan cumadh E ’fhearg air falbh
agus gu’n gabhadh E na nithe so mar fhirean-
tachd airson am peacaidh. Ris a so chuir an
righ dubh 'aonta ; ach b’fhusa so a ghealltuinn
na a dheanamh. “ Co a bheir glan a neoghlan ?
Clia tabhair a h-aon,” Mo thruaighe. So an
obair a’s cruaidhe ris an deachaidh duine riabh,
a bhi le eagal a’ bhais a’ feuchainn ri umhiachd
a thoirt a cridhe truaillidh gun ghaol.
Ach air dhoibh a bhi air an ro-phianadh le
ceannardan an Righ mar a bha Mothachadh,
Breitheanas agus Eagal-truaighe rinn iad
dichioll gu cruaidh agus b’iongantach an
t-atharrachadh a bha air an cainnt agus an
gniomharan. Cha mhor gu’n abradh iad focal
ach “ ’Seadh ” agus “ Ni h-eadh”; agus nan
tarladh dhoibh ann an cabhaig gaire a dheanamh
ri peacadh dheanadh iad oibre maithe air am
measgadh le moran broin a thairgseadh do’n
Righ mar eiric, an duil gu’n tugadh E sin
fainear ’s nach deanadh E peanas orra airson
an droch oibre. Cha robh an leithid ri ’fhaicinn
anns a’ bhaile tre eagal. Cha ghluaiseadh iad
cas no lamh gun ordugh an t-Siorraim a’
leughadh a leabhar an lagha. Agus gu misneach
a thoirt dhoibh thairg daoine ionnsuichte de
shiol nam Phairiseach an seirbhis dhoibh gu
bhi leughadh an lagha agus gu am moladh
airson a bhi ’ga choimhead gus nach mor nach
abradh iad gu’n robh an Righ ’nam fiachan
ni’s mo na bha iadsan an comain an Righ.
Bha na daoine uasal so a’ gabhail os laimh a
bhi ’leigheas dhaoine tinne mar bha Dbchas-
breige agus Sith-fheallsa o na lotan a fhuair iad
le bhi 'g eigheach “ Sith.” Is cunnartach an
t-sith so ge mor aig am bheil i.
Ach ’na mhor-throcair dh’orduich an Righ
do na ceannardan ni’s fhaisge air a’ bhaile
tilgeadh a stigh air a’chridhe airson briseadh-
lagha anns na smuaintean. “Am bi duine
glan aig Dia ? No cionnus a bhios esan glan
a rugadh o mhnaoi ? Am peacadh dhealbhadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence