Skip to main content

‹‹‹ prev (13) Page 9Page 9

(15) next ››› Page 11Page 11

(14) Page 10 -
10
E fein nadur an duine gu ’dheanamh 'na aon
ris fein ’na Phearsa ach eadardhealaichte ’na
nadur. Tha an diomhaireachd so sgriobhta
an iomadh aite an leabhraichean an Righ, mar
a tha, " gu’n do rinneadh am Focal ’na fheoil,”
gu’n d’fhoillsicheadh ’san fheoil an duine a tha
’na Dhluth-chompanach Dhomh-sa,” " Gu’m
biodh maighdean torrach 's gu’m beireadh i
mac air am biodh Imanuel mar ainm,” gu’n do
chuir E uaith a Mhac a ghineadh o mhnaoi,
agus “ air Dha bhi air 'fhaghail ann an cruth
mar dhuine.” Agus tha mise am barail gur
ann mu’thimchioll a tha an earrann sin,
“ Cruthaichidh Mi ni nuadh air an talamh.” #
Ghabh an Righ nadur an duine gu dioladh a
thoirt airson seacharan an duine, reite a
dheanamh airson aingidheachd agus fireantachd
shiorruidh a thoirt a steach. Ghabh an Righ
nadur an duine chum mar a thug an namhaid
buaidh air an duine gu’n tugadh duine buaidh
air Satan. Ghabh E nadur an duine chum mar
a thainig peacadh agus bas tre dhuine gu’n
tigeadh fireantachd agus beatha tre dhuine.
Bidh duine mar fhasgadh o’n ghaoith. Ghabh
e nadur an duine gu comhfhulangas a bhi aige
ri duine agus chum gach ni a runaich an namhaid
a dheanamh air duine agus air an Righ tre
dhuine gu’n tachradh e air duine a dheanamh an
ni ceudna air fein. Bidh am masladh so gu i
brath aig righ nan ceard a bhi cos! ach ri dia
nam Philisteach air nach seasadh ceann, bois,
no cas, agus nach b’urrainn fuireach ’na thigh
fein ’nuair a thainig airc Righ Israeli a steach.
Ach gu bhi aithghearr, ’nuair a thainig an
Righ a steach do’n bhaile cha do ghnathaich
E innleachdan sam bith. Labhair E an toiseach
gu feargach ris a’ chuid a bha stigh de sheann
duthchasaich a’ bhaile. Dh’ innis E dhoibh
mu’n cionta an truaillidheachd agus an truaighe.
Ach ’s ann a dhruid iad an cluasan agus dhiiin
iad na geatachan. ’Sann mar sin a dh’orduich
am maighstir dhoibh. Sheirm an Righ gu
labhar ministreileachd an ditidh agus a’ bhais
’nan cluasan airson an cionta. Ach gu so a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence