Skip to main content

‹‹‹ prev (391) Page 311Page 311

(393) next ››› Page 313Page 313

(392) Page 312 -
312
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
’S goilt e ’n steigh bh’ ann an uachdar
Chladhaich e ’n uaigh fo na leacan ;
E gun fhios co dhiu bha innte,
Mac an righ na sliochd a bhaigeir.
’N saoil thu fhein nach robh e dana,
Marsanta maileid no paca,
Dhol a rusgadh an ait-iobairt,
’S ioma linn a chuir e seachad ;
’N t-aite ’n robh onaimhean an t-seann-duin,
’N tiolaiceadh ann o cheann fada ;
Mu ’n teid an gnothach gu crlch,
Gur duilghe dha na fiach a bhlastidh.
Ma dh’ eireas mise’s mo luchd leanmhuinn,
Gu’m bi gnothach garbh a’s duthaich,
Theid Mac-’Ille-dhuibh a mharbhadh,
’S cha dion a chuid airgeid Fionnla,
Leagar an taigh air sa ’n sabhal,
Sgriosar am bathar ’sa bhuth air,
’S theid Gilleaspuig ri posta,
Agus crochar mac a chubair.
Eiridh an tubaist do ’n chiobair,
’S laidhe binn air Mac-na-Ceairde,
’S ma dh’ ordaicheas e gu h-olc e,
’S gnothach neo-chiontach sud dasan,
E na sheirbheiseach aig Fionnla,
Tuilleadh a null gu Feill-Martuinn,
’S ma chuireas e nail na leacan,
Ma bhios meachainn ann sann dasan.
Bhi cuir fudair arms na creagan,
Chuireadh e eagal air bocain,
Bhi ga ’n tolladh leis an tora,
’S bhi ga ’n sparradh leis na h-drdan,
Daoine marbha bhi ga ’n gluasad,
’S gnothach uamhraidh gu leoir e,
’S na ’n leanainn e gu grunnd an t-seanchais,
B’ ainmeil e na arm righ Dedrsa.
’S cha tdid a chorp fhein gu dilinn,
Thiolaiceadh an aite gr&smhor,
’S ann theid a losgadh mar iobairt,
Air a dhiteadh leis na faidhean,
Theid a luath a chuir le abhuinn,
*N aite nach fhaighear gu brath i,
’S cha ’n faigh e ach rud a thoill e,
Chionn gu ’n d’ rinn e gnothach graineil.
Ach dh’ fhalbh an guth *s thug e chul rium,
Agus thionndaidh e gu h-ealamh,
Thuirt e rium gu ’n d’ rinn e diochuimhn,
’S e ga innse dhomh mur charaid,
Fios a thoirt dh’ ionnsaidh Dhughaill,
Gu ’n robh a ghual a’s uird ro ealamh,
Dheanadh torachan do dh- Fhionnla,
Chuir fudair an Dail-a-charra.
Smaointich mi so ann am inntinn,
Nach bithinn a diteadh Dhughaill,
Thuirt mi ris gur duinegrinn e,
Do dh’ fhuil Righrean nan Stiubhart,
Tha e fhein na dhuine toileil,
Dheanadh gnothach do dh’ fhear duthcha ;
’S on bha Fionnla na chabhaig,
Cha bu mhath leis bhi ga dhiultadh.
’Nuair a dhuisg mi ghabh mi eagal,
’S e na sheasamh air an urlar,
Dh’ fheuch am faighinn reidh air falbh e,
Los nach coisninn na lorg diumba ;
Tha Dughall trom air an tombaca,
’S tha pailteas deth sin aig Fionnla ;
’S o ’n a labhair mi cho deas ris,
Ghabh e pairt de leith-sgeul Dhhghaill.
’S ann a tha *n naidheachd so cinnteach,
Ged shaoileadh sibhse gur b' sd e,
Cha ’n innis mi a neach gu brath e,
Ach do chuideachd araid eolach ;
Cha robh a leithid riamh ri innse,
Eadar an Sithean ’s Lag-Chothain
Co dhiu th’ ann breug no firinn,
Sin agaibh mur dh’ innseadh dhomhs e.
BI’DH FONN OIRRE DAONNAN
LUINNEAG.
Bi'dh fonn oirre daonnan,
'S b'Cdh aoidh oirr an cbnaidh,
’S dh* fhagadh m inntinn aobhach
Bhi faicinn t-aodainn blibidheach,
Le nihiad sa thug mighaol dut,
A's aotromas na h-bige.
Mar a dean mi t-fhaotainn,
Cha1 n fhad' a ghaoil is beb mi !
Chunna’ mise bruadar,
Dh’ fhag luaineach an raoir mi’
Bhi’ faicinn bean mo ghaoil
Ri mo thaobh fad’ na h-oidhche.
Mi thunnda’ le solas,
Gu pog thoirt do ’n mhaighdinn
An duil gu’n robh i lamh rium,
Ged’ bha mi na’m’ aonar.
Bi'dh fonn, fyc.
Ged’ do bha mi’m’ shuain,
Gu’m bu luath rinn mi dusgadh
An duil gu’n robh mo thasgaidb,
An cadal air mo chu1 thaobh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence