Books and other items printed in Gaelic from 1871 to 1900 > Sar-obair nam bard Gaelach, or, The beauties of Gaelic poetry, and lives of the Highland bards
(389) Page 309
Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
![(389) Page 309 -](https://deriv.nls.uk/dcn17/1098/1374/109813743.17.jpg)
AILEAN BALL.
309
AM FEAR.
Shaoil mi bhean ga ’n robh thu baindi,
A’s nach bio<ih sanut ga tuasaid ort:
Ge do dh-fhasainnse cho fann,
’S nach tionndainn air do chluasaig riut;
Air leam fein nach eil thu 'n call,
’S do chlann a chuir ri ghuaillibh dhut;
’S ma dh-fhas thu guinideach nad’ cheann,
Gur bean tha ’n geall air buaireadh thu.
a’ bhean.
’S ann agam-sa bba’nceannfath,
Nuair chithinn each a’ cluaineis riut;
Chaidh a’ chuis bho fhaladha,
A’s cha robh sta bhi d’ bhuachailieachd ;
Ged a’s mis’ a ghlae do lamh,
Bha te no dha nach b’ 1'huathach leat :
’S ma chosg thu riutha do liunn-tath,
Tha nis’ am failt air fuarachadh.
am fear.
Dh-aithnich thusa sin ort fein,
A bheudag dh-fhas thu suarach orm :
Chaill thu nise dhiom do speis,
’S cha ’n ’eil do reite buan agam :
Bho ’n a chaidh mise nis’ bho fheum,
’S e ’n t-eud a rinn do bhualadh-sa :
’S moch ’sa mhadainn chuir thu ’n ceill domh,
Nach robh in’ eiridh suas agam.
a’ bhean.
Is fhir gun sta, gun rath, gun direadh,
Na bi ’g innse tuaileas orm :
Nam bidh tusa dhomhsa dileas,
Cha robh m’ inntinn bruailleanach :
Ach ’s e bu mhiann leat a bhi briodal,
Ris gach ribhinn chuaileanaich :
’S iomadh ribein agus cir,
A’s deise chinn a fhuair iad bhuat’.
AM FEAR.
Ach c’aite ’n fhuair thu mi ’sa sgath,
Na’m faca tu ’g an tuairgneadh mi,
Cha robh mi m’ mheirleach cho math,
’S uach glaoa’ tu mi uair-eigin :
’S ma fhuair thu taisgeuladh no brath,
’S e’s fhasa chuir a suas orm,
S na caraich air a mhiiin do chas,
Ach leig a mach na chuala tu.
a’ bhean.
’S ma chuireas tu mi gu m’ dhubhlan,
Bithidh a chuis na’s cruaidhe dhut:
Gheibh a’ ministeir an t-umhladh,
A’s theid an luireach shuaicheant ort;
Linnseach, mhaslach air a dubladh,
Leis gach dunadh tuaisgearra :
’S ge do bhithinns’ air do chul-thaobh,
Air son crun cha ’n fhuasglainn i.
am fear.
Ach gus an cairear mi’s an uir,
Cha ’n fhaic do shuil mu m’ ghuaillean i,
S ma thig do naidheachd os ceann buird,
Cha chliu dhut a bhi luaidh sin rium;
A’s ge do Jasadh t-fhearg le diumb,
Cho ghrad ri fudar buaireasach,
Cha ohomhdaiehear leat orm-sa chuis,
Nach iunnsaich mi le h-uaibhreachas.
a’ bhean.
’S cha mhor nach coma leam co dhiu,
Cha robh do thurn ach suarach leam .
’S an a’r a b’ fhearr a bha do shugradh,
Chunntainnse na h-uaireannan ;
Chaidleadh tu cho trom gun dusgadh.
Air mo chul le smuaisirein :
’S ge do bhiodh mo thaigh ’ga rusgadh,
Cha robh curam gluasaid ort.
am fear.
’S bheirinn comhairle gu h-eolach,
Air gill’ og tha fuasgailteach ;
E bhi glic ri am a phosaidh,
’S laidhe seolta suas rithe :
’S gun droch cleachdadh thoirt ’g a dheoin,
Do ghoraig nach biodh stuaim innte,
’S gun fhios nan lagaicheadh a threbir,
Nach ordaicheadh i bhuaithe e.
a’ bhean.
Am fear nach dean a threabhadh trath,
’S a mhairt ged bhiodh e fuar aige,
S culaidh mhagaidh e chion sta,
’S ri latha bhath cha bhuain e dias ;
Bithidh am fearann aige fas,
Na stiallan bana, ’s luachair air,
A’s e san broinein! a’ dol bas,
’S na saibhlean lan aig tuathanaich.
AM FEAR.
’S cha ’n fheud mo threabhadhsa bhi mall,
S do chall ri dheanadh suas agam ;
Bheir mi oigeich as a’ ghleann,
’S theid cuing gu teann mu ’n guailleannsa :
A’ Dun-eideann gheibh mi crann,
’S e fasan gallda’s usaile leinn ;
Coltar, stailinn, soc, a’s bann,
’S gach ball bhos ann theid cruaidh on a.
309
AM FEAR.
Shaoil mi bhean ga ’n robh thu baindi,
A’s nach bio<ih sanut ga tuasaid ort:
Ge do dh-fhasainnse cho fann,
’S nach tionndainn air do chluasaig riut;
Air leam fein nach eil thu 'n call,
’S do chlann a chuir ri ghuaillibh dhut;
’S ma dh-fhas thu guinideach nad’ cheann,
Gur bean tha ’n geall air buaireadh thu.
a’ bhean.
’S ann agam-sa bba’nceannfath,
Nuair chithinn each a’ cluaineis riut;
Chaidh a’ chuis bho fhaladha,
A’s cha robh sta bhi d’ bhuachailieachd ;
Ged a’s mis’ a ghlae do lamh,
Bha te no dha nach b’ 1'huathach leat :
’S ma chosg thu riutha do liunn-tath,
Tha nis’ am failt air fuarachadh.
am fear.
Dh-aithnich thusa sin ort fein,
A bheudag dh-fhas thu suarach orm :
Chaill thu nise dhiom do speis,
’S cha ’n ’eil do reite buan agam :
Bho ’n a chaidh mise nis’ bho fheum,
’S e ’n t-eud a rinn do bhualadh-sa :
’S moch ’sa mhadainn chuir thu ’n ceill domh,
Nach robh in’ eiridh suas agam.
a’ bhean.
Is fhir gun sta, gun rath, gun direadh,
Na bi ’g innse tuaileas orm :
Nam bidh tusa dhomhsa dileas,
Cha robh m’ inntinn bruailleanach :
Ach ’s e bu mhiann leat a bhi briodal,
Ris gach ribhinn chuaileanaich :
’S iomadh ribein agus cir,
A’s deise chinn a fhuair iad bhuat’.
AM FEAR.
Ach c’aite ’n fhuair thu mi ’sa sgath,
Na’m faca tu ’g an tuairgneadh mi,
Cha robh mi m’ mheirleach cho math,
’S uach glaoa’ tu mi uair-eigin :
’S ma fhuair thu taisgeuladh no brath,
’S e’s fhasa chuir a suas orm,
S na caraich air a mhiiin do chas,
Ach leig a mach na chuala tu.
a’ bhean.
’S ma chuireas tu mi gu m’ dhubhlan,
Bithidh a chuis na’s cruaidhe dhut:
Gheibh a’ ministeir an t-umhladh,
A’s theid an luireach shuaicheant ort;
Linnseach, mhaslach air a dubladh,
Leis gach dunadh tuaisgearra :
’S ge do bhithinns’ air do chul-thaobh,
Air son crun cha ’n fhuasglainn i.
am fear.
Ach gus an cairear mi’s an uir,
Cha ’n fhaic do shuil mu m’ ghuaillean i,
S ma thig do naidheachd os ceann buird,
Cha chliu dhut a bhi luaidh sin rium;
A’s ge do Jasadh t-fhearg le diumb,
Cho ghrad ri fudar buaireasach,
Cha ohomhdaiehear leat orm-sa chuis,
Nach iunnsaich mi le h-uaibhreachas.
a’ bhean.
’S cha mhor nach coma leam co dhiu,
Cha robh do thurn ach suarach leam .
’S an a’r a b’ fhearr a bha do shugradh,
Chunntainnse na h-uaireannan ;
Chaidleadh tu cho trom gun dusgadh.
Air mo chul le smuaisirein :
’S ge do bhiodh mo thaigh ’ga rusgadh,
Cha robh curam gluasaid ort.
am fear.
’S bheirinn comhairle gu h-eolach,
Air gill’ og tha fuasgailteach ;
E bhi glic ri am a phosaidh,
’S laidhe seolta suas rithe :
’S gun droch cleachdadh thoirt ’g a dheoin,
Do ghoraig nach biodh stuaim innte,
’S gun fhios nan lagaicheadh a threbir,
Nach ordaicheadh i bhuaithe e.
a’ bhean.
Am fear nach dean a threabhadh trath,
’S a mhairt ged bhiodh e fuar aige,
S culaidh mhagaidh e chion sta,
’S ri latha bhath cha bhuain e dias ;
Bithidh am fearann aige fas,
Na stiallan bana, ’s luachair air,
A’s e san broinein! a’ dol bas,
’S na saibhlean lan aig tuathanaich.
AM FEAR.
’S cha ’n fheud mo threabhadhsa bhi mall,
S do chall ri dheanadh suas agam ;
Bheir mi oigeich as a’ ghleann,
’S theid cuing gu teann mu ’n guailleannsa :
A’ Dun-eideann gheibh mi crann,
’S e fasan gallda’s usaile leinn ;
Coltar, stailinn, soc, a’s bann,
’S gach ball bhos ann theid cruaidh on a.
Set display mode to:
Universal Viewer |
Mirador |
Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Permanent URL | https://digital.nls.uk/109813741 |
---|
Description | Out-of-copyright books printed in Gaelic between 1631 and 1900. Also some pamphlets and chapbooks. Includes poetry and songs, religious books such as catechisms and hymns, and different editions of the Bible and the Psalms. Also includes the second book ever published in Gaelic in 1631. |
---|