Skip to main content

‹‹‹ prev (385) Page 305Page 305

(387) next ››› Page 307Page 307

(386) Page 306 -
306 SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Air taobh greine, gleann mo chridhe,
Far an robh eibhneas mo dhibhe ;
Ge do bhiodh an t-eug a tighinn,
Bheireadh slainnt’ do’m chreubhsa rithist.
Ho-i, ri na, Qc.
’S an tir aigh do ’n gna ’bhi cridheil,
Chaidh m’ arach gun fhaillinn bidhe,
Air nead sabhailte gun snithe ;
S gheibhinn Maths’ air sga Chloinn Iain.
Ho-i, ri na, Qc.
Tha mi nise measg Chloinn-Cham’roin,
Cinneadh mor bha ’n seors ud ainmeil ;
’N cath’s an comhail, seolta, calma ;
’Dol gu comhrag, stroiceach, marbhtach.
Ho-i, ri-na, <^c.
’S piudhar mi do 'n chuthaig shamhraidh,
Le’m dheoin cha teid mi gu Galltaehd ;
Bho ’n is i Ghaelig is cainnt domh,
’Measg mo chairdean talar arm mi,
Ho-i, ri na, §’c.
Nuair theid fianlach feadh na coille,
Cruinnichidh ianlaith gaeh doire ;
Thig gach ian gu nead le coilleig,
Srabh ga shniomh am bial gach coilich.
Ho-i, ri na, 8[c.
’S ionnan sid’s mar dh’eireas domhsa ;
Ma phiocas each mi le doruinn,
Falbhaidh mis’ “ an riochd na smeoraich,”
’S theid mi’m ghearan far an cor dhomh.
Ho-i, ri na, <^c.
Gu Diin nan Cliar thriallainn dana,
’Dhol fo sgiathaibh nan triath statail ;
Ged nach eil Eoin Ciar a lath air,
’S maireann am fear Hath a's Padruig.
Ho-i, ri na, S[C.
Dun-olla nan thireid arda,
Nam fear fuileach, builleach, striicach,
’Sheasadh duineil luchd an cairdeis,
’Choisneadh urram ri uchd namhaid.
Ho-i, ri na, fyc.
’S smedrach mi bho chaisteal uaibhreacb,
Nan steud priseil, rioghail, suairce,
Dream gun spid, bha ’n sinnsir uasal,
Bu mhor pris ri linn Raon-Ruairidh.
Ho-i, ri na, fyc.
Dughallaieh nan geur-lann aisneach,
Guineach, beumach, speiceach, sgaiteach,
Dol ri feum le treundas gaisgidh,
Garg’s a streup, *s bha ’n leus ri fhaicinn.
Ho-i, ri na, <%c.
Cha robh ’m Brusach na chuis fharmaid,
Ri fhuil cha chumadh iad earbsa,
Mu ’n do sguir sibh, bha e searbh dha,
’S bu bheag leis a chuid de dh’ Alba,
Ho-i, ri na, Qc.
Chuir sibh, Roibeart an cuil chumhainn,
Ghabh e gu fogradh car siubhail;
Cha robh dhaoine saor bho phuthar,
Fad’s a bha bhur taobh-sa ’buidhinn.
Ho-i, ri na, Qc.
Cha b’ iongnadh e ’ghabhail grain diu,
’S trie a chuir iad cunnart bais air ;
Thug sibh uaithe ’srol’s am braisde,
’S tha sid an Dun-olla ’lathair.
Ho-i, ri na, fyc.
’S i ’n t-sheann stbri tha mi gluasad,
’S naidheachd ur do ’n fhear nach cual i,
Sgeula fior, ge fada bhuaithe,
Gun do sheas an linn ud cruadal.
Ho-i, ri na, S[c.
Buidheann gun fhiamh, nach d’ iarr socair,
Rinn iad aon blar-diag a chosnadh ;
Gus an tainig sgriob na dosgainn,
Latha Dail-righ a mhi-fhortain.
Ho-i, ri na, fyc.
*S e bu mhiannach leis a bhuidheann,
Bhi cur ard-raimh’chean fo ’n uidheam,
Seoladh ard air bharr nan sruithean,
Sgoltadh nam bare le car shiubhal.
Ho-i, ri na, fyc.
Luchd a chaitheamh nan cuan borba,
’S muir a gairich ri h-aird stoirme ;
Bheireadh iad gu aite soirbh i,
Dh’ aindeoin ban* nan srac-thonn gonna.
Ho-i, ri na, fyc.
Fir mo ghaoil bho thaobh na tragbad,
Nach robh claon ri h-aodann gabhaidh,
Nach meataicbeadh gaoir an t-saile,
’Nuair a sgaoileadh iad a h-alach.
Ho-i, ri na, Qc.
Cha d’ innis mi trian da ’r n’ abhaist,
’S tha mo mhuineal tioram traisgte;
’S olaidh mi nis’ bur deoch-slainte,
A shliochd a Cholla-Chathaich Spaintich.
Ho-i, ri na, 6fc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence