Skip to main content

‹‹‹ prev (269) Page 189Page 189

(271) next ››› Page 191Page 191

(270) Page 190 -
190
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Cha robh oi fig each Ga'elach
JEadar Serjent a’s Coirneil,
Nach do chaill a chomision,
’N uair chaidh’m briseadh 1c fbirneart ;
A’ mheud’s a fhuair sibh an uiridh,
Ged bu diombuan r’a 61 e,
Bheir sibh’m bliadhn’ air ath-philleadh,
Air son uinneagan lebsain.
Cha robh bhliadhna na taic so,
Neach a sheasadh mar sgoileir,
Gun chomision righ Breatainn,
Gu bhi 'n a Chaptein air onair ;
Chaidh na ficheadan as diubh,
Nach do leasaich sud dolar,
Ach an sgiursaigeadh dhachaidh,
Mar chu a dh-easbhuidh a choilair.
Ach ma dh-aontaich sibh rireadh,
Ri bhur sior dhol am mugha,
Ged a bha sibh cho rioghail,
Chaidh bhur cisean am modhad ;
’S math an airidh gu ’n faicte
Dream cho tais ribh a’ cumha,
Bhi tilgeadh dhibh bhur cuid bhreacan,
’S a’ gabhail chasagan dubha.
Och ! mo thruaighe sin Albainn!
’S tur a dhearbh sibh bhur reuson,
Gur i ’n roinn bh’ ann bhur n-inntinn,
’N rud a mhill air gach gleus sibh ;
Leugh an Gbbharment sannt
Anns gach neach a thionndaidh ris fein dhibh,
’S thug iad baoight do bhur gionaich,
Gu ’r cuir fo mhionach a cheile.
Ghlac na Sasunnaich fath oirbh,
Gus bhur f&gail ni’s laige,
Chum’s nach bitheadh ’g ur cunntadh,
’N ur luchd comh-stri ni b’ fhaide;
Ach ’n uair a bhios sibh a dh-easbhuidh
Bhur n-airm, ’s bhur n-acuinnean sraide,
Gheibh sibh searsaigeadh mionaich,
Is bidh bhur peanas ni ’sgraide.
Tha mi faicinn bhur truaighe,
Mar ni nach cualas a shamhuil,
A’ chuid a’s fearr de bhur seabhaig,
Bhi air slabhruidh aig clamhan ;
Ach ma tha sibh ’n ar leoghainn,
Pillibh ’n doghruinn s’ ’na teamhair,
’S deanaibh ’n deudach a thrusadh,
Mu ’n teid bhur busan a cheangal.
’N uair thig bagradh an namhaid,
Gus an ait anns do phill e,
1 ’S ann nu m'nath leam a chairdean,
Sibh bhi ’n aireamh na buidhne>
D’ am biodh spioraid cho Gaelach,
’S gu’m biodh an sar ud ’n an cuimhue,
Gus bhur pilleadh’s an abhainn,
Oir tha i roimhibh ni’s doimbno#
Nis, a Thearlaich oig Stiubhaird,
Riut tha duil aig gach fine,
Chaidh a chothachadh cruin dhut,
’S a leig an duthaich ’n a teine ;
Tha mar nathraichean folaicht’,
A chaill an earradh an uraidh,
Ach tha ’g ath-ghleusadh an gathan,
Gu eiridh latha do thighinn.
’S iomadh neach a tha guidhe,
Ri do thighinn, a Thearlaich,
Gus an eireadh na cuingean,
Dheth na bhuidheann tha ’n eigin ;
A tha cantainn ’n an cridhe,
Ged robh an teanga ’g a bhreugadh,
“ Lan do bheatha gu t-fhaicinn,
A dh’ ionnsuidb Bhreatainn a’s Eirinn.”
’S iomadh oganach aimsichte,
Tha’s an am so ’n a chadal,
Eadar braighe Srath- Chluanaidh,
A gus bruachan Loch-abair ;
Rachadh ’n cuisibh mhic t-athar,
’S a chrun, ’s a chathair r’ an tagradh,
’S a dh’ ath-philleadh na Ceathairn,
A dhioladh latha Chulodair.
Ach a chairdean na cuirte,
Nach ’eil a’ chuis a’ cur feirg oirbh,
Na ’n do dh’ fhosgail bhur suilean,
Gus a’ chuis a bhi searbh dhuibh ;
Bidh bhur duais mar a1 ghobhar
A theid a bhleodhan gu tarbhach,
’S a bhith’r a’ fuadach’s an fhoghar
Is ruaig nan gaothar r’a h-earball.
Ma’s e’m peacach a’s modha
’S coir a chumhachd a chlaoidheadh ;
Nach e Seumas an Seachdamh
Dhearbh bhi seasmhach ’n a inntinn?
“ C’ uim’ an diteadh sibh ’n onair,
Na bhiodh sibh moladh na daoidheachd ?”
’S gur h-e dhluitheachd d’ a chreideamh
A thug do choigrich an rioghachd.
Fhuair sinn righ a Hanobhar,
Sparradh oirnne le achd e,
Tha againn prionnsa ’n a aghaidh,
Is neart an lagha ’g a bhacadh ;
O Bhith, tha shuas ’na do bhreitheamb,
Gun chron’s an dithis nach fac thu,—
Mar h-e a th’ ann, cuir air aghairt
An t-aon a’s lugha’m bi pheacadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence