Skip to main content

‹‹‹ prev (230) Page 150Page 150

(232) next ››› Page 152Page 152

(231) Page 151 -
IAIN MAC CODRUM.
151
Jnnsidh mi do dh-Uisdean e,
D’fhear Bhaile pairt do’n t-sugradh, ud,
Do’n Bhaili thair an duthaich e ;
Air chach cha dean mi cumhnadh air,
Bheir iad baidse a’s durachd dhomh.
ORAN,
DO SHIR SEUMAS MAC-DHOMHNUILL SHLEIBHTE.
Aik. tniteam a’m’ chadal
A nis o cheann fada
Gu’n thachair dhomh acaid
A stad ann am bhraghad,
Tha chnead air mo ghiulan
Tha amhgharach ciurrta.
Cha bhi mi ’ga muchadh,
Gu ruisg mi os aird i.
Ach Dia bhi ’ga chbmbnadh
’S a riaghladh a rdidean !
An ti’m beil mo dhbchas
Fo ohbmhnadh an Ard-righ,
Lagaich mo dhoraiun,
Neartaich mo shblas,
Chuir mi an dochas
Bhi ni’s oige na tha mi.
’S iomadach buille
So b’eudar dhuinn fhulang.
Bha chuing air ar muineal
’S bu truim’ i na phraiseach
Cho trom ri claeh-mhuileinn
’Na sineadh air lunnan,
Ri iargain nan curaidh
’S iad nil’ air ar fagail.
Gradan a’ gheamhraidh
A lagaich gu teann sinn,
’Nuair a chaill sinn ar ceannard,
Nach robh shamhla measg Ghael,
Connspunn na h-aoidhealachd,
Lebghann na rioghalachd,
Dorainn r’a innseadh
Dha ’n linne nach tainig :
Dorainn r’a innseadh,
An dorainn a chlaoidh sinn,
Thoirleum n-ar n-inntinn
Cho iosal ri ’r skilean ;
Ar Ceann-feadhna mbr priseil
Bu mhbr urram san rioghachd,
Gu’n do bhuin an t-eug dhinn e,
Ar mi-fhortan Ikidir !
Fhir a chunnaic ar cruadal,
Leig umainn am fuaradh,
Bi thusa ’na d’ bhuachaili
Air na fhuair sinn ’na aite.
Cuir dhachaidh Sir Seumas
Gun aiceid, gun eislean,
Gu chuideachda fein ;
Mhuire’s eibhinn a tharsuinn.
Chriosda, gleidh dhuinne
Ar buachaille cliuiteach,
Ar n-uachdaran duthcha;
Tha churam an drasd oirn.
Allail ar fiuran,
Smiorail, a’s grunndail,
Fearail ri dhusgadh
’Nan tiunntadh a mhkran,
Ar baranta muirneach,
Carraig ar bunndaisd,
Ar n-iuil’s ar cairt dhubailt
S ar crun a’s an taileasg,
An ramh nach ’eil bristeach,
Ar lann ann am trioblaid,
Ar ceannard’s ar misneach,
Fear briseadh a’ bhaire.
An dusgadh no’n cadal duinn,
’N urnuigh no’n achanaich
Ar deirce ga nasgadh,
Thu thigh’n’ dachaidh sabhailt.
Muint’ ann an chleachdadh thu,
Cliuiteach ri d’ chlaistinn thu,
Muirneach ri t-fhaicinn
Air each no air Ikr thu,
Ar ’n-aighear’s ar sblas,
Ar fion air na bordaibh,
Ar mire’s ar cebl thu,
*S ar doigh air ceol-gkire :
Ar connspunna feile
A dhebnaich Mac Dhe dhuinn
Gu coir chur air steidhe,
’S gu eucoir a smaladh.
Gur h-innealt’ an connspunn
Ceann-cinnidh Chiann-Dbmhnuill,
Fear iriosal stolda
Gun tbir air an krdan;
Eireachdail, coimhliont’,
Soilleir ’an eolas,
Canair ’n am togbhail ris,
Bbchdan, mo lamhsa,
Cuirteir na siobhaltachd,
Urla na h-aoidhealachd,
Tlusail ri dileachdain ’s
Cuimhneach air airidh,
Aigeantach innsgineach;
Beachdail air rioghalachd,
Gaisgeach ro mhilten
Nan sineadh e ’n gkirdean.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence