Skip to main content

‹‹‹ prev (225) Page 145Page 145

(227) next ››› Page 147Page 147

(226) Page 146 -
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
146
COMHRADH,
[MAR GU ’M B* ANN]
EADAR CARAID AGUS NAMHAID AN U1SGE-BHEATHA.
CAR AID.
Mo ghaol an lasgaire spraiceil.
Fear nan gorm.shuilean maiseach,
Chuireadh foirm fo na macaibh,
’Nuair a thachradh iad ris.
’Nuair a chruinnicheadh do chbisir,
Cha b’ i chuilm gun a chorahradh ;
Gheibhte rainn agus orain,
’S iomadh stbri na measg:
Gille beadarrach, sugach,
Tha na chleasaiche lughor;
’S ro mhath bhreabadh an t-urlar,
Agus tiunntadh gu brisg.
’S e dhamhsadh gu h-uallach,
Gu h-aucaideach, guanach;
Gun sealltainn air truailleachd,
Ach uaisl’ agus meas.
NAMHAID.
’S mairg a dheanadh an t-dran,
’S nach deanadh air choir e ;
Gun bhi moladh an do’-fhir.
Bha na rbgaire trie.
Fear a sheargadh an conach,
Thiunntadh mionach nan sporan
Dh-fhagadh leanbain air aimhbheirt,
Ann an carraid’s an drip.
An struthaire di-bhuan,
Tha gu brosgulach, briagach ;
Fear crosta mi-chiallach,
Gun riaghailt, gun mheas.
Call mor tha gun bhuinnig,
Ann an solas ro dhiombuan ;
S fear stbrais is urrainn
A bhi cumantas ris.
CARAID.
’Mhic-an-Toisich, mhic-bhracha,
’Fhir comhraig nan gaisgeach,
A chuireadh bbilich’s na claigneann,
Sa chuireadh casan air chrith !
Bu tu cleoca na h-aitribh,
’N aghaidh reot’ agus sneachda,
Dheanadh notion do dh-fhrasan ;
’S chuireadh seachad an cith.
Dheanadh dana fear saidealt’;
Dheanadh lag am fear neartor ;
Dheanadh daibhir fear beairteach,
Dh-ain-deoin pailteas a chruidh ;
An ccart aghaidh na th’ aca,
De nahuirn, no mheoghail, no mhaenus,
| ’S tu raghainn is taitneich,
De chuis mhaenuis air bith.
NAMHAID.
A dhuin! an cual’ thu, no’m fac’ thu,
Riamh ni’s miosa chuis mhaenuis,
Na bhi ’n a d’ shlneadh ’s na claisean,
Gun chlaisteachd, gun ruith ?
Air do mhuchadh le daoraich ;
’G a do ghiulan aig daoine,
’Nad’ chuis-bhuird aig an t-saoghal,
Far nach faodar a chleith ;
’S e bhi ’g coinneachadh Rati,
Ni do lomadh ma d’ bheartas ;
Luchd a chomuinn, ’s a chaidrimh,
Ni e ’n creachadh gun fhios.
’S e ciall-sgur a bhios aca,
Bhi ri buillean, ’s ri cnapadh ;
Gu’m bi fuil air an claigneann,
’S bi’m batachan brist.
CARAID.
Mo ghaol an lasgaire suairce,
Chleachd bhi ’n caidreamh nan uaislean ;
’S iomadh tlachd, a’s deagh bhuaidh,
Ata fuaite ri d’ chrios.
Biorach, gorm.shuileach, meallach,
Beachdail, colgarra, fallain,
Laidir, caoin, air deagh tharruinn,
Gu fbgradh gaillionn a’ chuirp.
Far an cruinnich do phaistean,
Gu’m bi mir’ ann a’s maran,
Agus iomadh ceol-gaire ;
’S iad neo-chrkiteach ma n cuid.
Bheir e ’n t-umaidh gu solas;
Ni e glic am fear goraeh ;
Ni e sunndach fear brbnach ;
’S ni e gorach fear glic.
NAMHAID.
’M b’ e sin raghainn nam macabh,
Bhi gu’n fhradharc, gu’n chlaisteachd ;
’Nuair bu mhiann leb dhol dachaigh,
’S e ni thachras ni’s mios’.
Gur e 'n ceann is treas cas daibh,
Lom-lan mheall, agus chnapan ;
Gach aon bhall ga’m bi aca,
Goid a neart uath’ gun fhios.
lad na ’n tamhaisg gun toinisg ;
lad a labhairt an donuis ;
lad ro lamhach gu conus,
’S nach urr’ iad cuir leis :
Bi’dh an aodnaibh ’g an sgrbbadh,
Bi’dh an aodach ’ga shroiceadh ;
Cha ’n fhaod iad bhi stblda,
’S iad an comhnuidh air mhisg.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence