Skip to main content

‹‹‹ prev (203) Page 123Page 123

(205) next ››› Page 125Page 125

(204) Page 124 -
124 SAIl-OBAIR NAM
Gin* raairg d’an eideadh sari la sin,
Cota granda ’n mh dar ruadh,
Ad bhileach dhubh a’s coc-ard innt’,
Sgoilteas mar an cbal ro’n chruaidh.
O hi-ri-ri, ^c.
ORAN EILE
1)0 PHRIUNNSA TEARLACH.
LUINNEAG.
T/iug A o-o, Zai/Z Ao-o,
Thug o-ho-ro 'n dill leibh,
Thug hb-o, laill ho-b,
Seinn o-ho-rb 'n dill leibh.
Moch ’sa mhadainn’s mi dusgadh,
’S mor mo shunnd’s mo cheol-gaire ;
O’n a chuala mi’m prionnsa,
Thigh’n do dhuthaich Chlann-Ra’ill.
Thug ho-o, S^c.
O’n a chuala mi’m prionnsa,
Thig’n do dhuthaich Chlanu-Ra’ill;
Grainne mullaich gach righ thu,
Sian gu’m pill thusa Thearlaich.
Thug ho.o, <%c.
Grainne mullaich gach righ thu,
Sian gu’m pill thusa Thearlaich ;
’S arm tha ’n fhior-f’huil gun truailleadh,
Anns a ghruaidh is mor naire.
Thug ho-o, fyc.
’S arm tha ’n fhior-f’huil gun truailleadh,
Anns a ghruaidh is mor naire ;
Mar ri barrachd na h-uaisle,
’G eiridh suas le deagh nadur.
Thug ho-o, <%c.
Mar ri barrachd na h-uaisle,
’G eiridh suas le deagh nadur ;
’S na ’n tigeadh tu rithisd,
Bhiodh gach Tighearn’ na ’n elite
Thug ho-o, <£c.
’S na ’n tigeadh tu rithisd,
Bhiodh gach Tighearn’ na 'n Mte;
’S na ’n caraicht’ an crun ort,
Bu mhuirneach do chairdean.
Thug ho-o, §*c.
BARD GAELACH.
’S na ’n caraicht a crun ort,
Bu mhuirneach do chairdean ;
’S bhiodh Loch-iall mar bu choir dha,
Cuir an ordugh nan Gael.
Thug ho-o, fyc.
’S bhiodh Loch-iall mar bu choir dha,
Cuir an ordugh nan Gael;
A’s Clarm-Domhnuill a chruadail,
Choisinn buaidh arms na blaraibh.
Thug ho-o, Qc.
A’s Clann-Dbmhnuill a chruadail,
Choisinn buaidh arms na blaraibh ;
’S iad gu ’n cumadh a cho-stri,
Ri luchd chotaichean madair.
Thug ho o, fyc.
’S iad gu ’n cumadh a cho-stri,
Ri luchd chotaichean madair ;
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Boinneid ghorm a’s coc-tird on*’.
Thug ho-o, fyc.
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Boinneid ghorm a’s coc-rird orr ;
’S bhiodh am feileadh ’sa’n fhasan,
Mar ri gartanan sgarlaid
Thug ho-o, <^*c.
’S bhiodh am feileadh ’sa’n fhasan,
Mar ri gartanan sgarlaid ;
Eile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal’s larin Spairmteach.
Thug ho-o, fyc.
Eile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal’s lann Spainnteach
’S na’m faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an diuc air dhroch caradh.
Thug ho-o, 8[C.
’S na’m faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an diuc air dhroch caradh ;
Gu’m biodh buidsear na feola,
Agus corcach m’a bhraghad !
Thug ho-o, fyc.
Gu’m biodh buidsear na feola,
Agus corcach m’a bhraghad ;
’Sgu’n gibhtinn a mhaighdearm,
Mar oighreachd d’a bhrathair.
Thug ho-o, 8[C.
’S gu ’n gibhtinn a mhaighdeann,
Mar oighreachd d a bhrathair—
Ach slan gu n tig thu’s gu ’n ruig thu,
SPm gu’n tig thusa Thearlaich.
Thug ho-o, <$;c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence