Skip to main content

‹‹‹ prev (153) Page 73Page 73

(155) next ››› Page 75Page 75

(154) Page 74 -
74 SAR-OBAIR NAM
An am dol a bhualadh
B’ e ’n cruadal ’ur calg,
Bu ghuineach ur beuman
’N uair dh’ eireadh ’ur fearg.
Nam biodh gach curaidh treun-mhor
Le cheile san am,
lad air aon inntinn dhirich
Gun fhiaradh, gun cham,
lad cho cinnteach ri aon fhear,
’S iad titheach air geall,
Dh’ aindeoin muiseag nan du-Ghall,
Thig cuis thar an ceann.
CROSDHANACH D
FHIR NAN DRUIMNEAN.
Tha bith ur an tlr na Dreollainn,
’S coir dhuinn aithris,
Tha moran deth tigh’n am biochionnt’
Ri gnas Shasuinn,
Ni ’m beil duin’ uasal, no iosal,
No fear fearainn,
Leis nach aill, gu morau buinig,
Ceird a bharrachd.
Tha ceird ur aig fear nan Druimnean,
Th’ air leinn tha cronail;
B’aill leis fein a dhol an aite
Mhaisteir Sgoile,
An t-dide sin fein a rinn fhoghlum,
Le gloir Laideann,
Ghlacadh leis, gun chead a chairdean,
A cheaird a bh’aige.
Labhairt—’S e an t-aobhar a thug do dhaoine
aire thoirt do shannt an sgoileir so, ’nuair a mh-
iannaich se cheaird do bhi aig oide foghluim, nach
laimhsicheadh e i, mar laimhsicheadh an t-oide
foghluim fein i. Oir ’nuair a ghabhadh an t-oide
foghluim air a dhaltachan, ’s ann a ghabhadh e
air na leanabanan, ach ’s ann a ghabhadh an
sgoileir sanntach so air na daoine arsaidh mar an
ceudria. ’Nuair ghabhadh an t-oide foghluim
air a dhaltachan, ’s ann a ghabhadh e air na
ciontaich, ach’s ann a ghabhadh an sgoileir sannt¬
ach air na neo-chiontaich. ’S ann uaith sin a
dubhradh—“ Saoilidh am fear a bhios na thamh,
gur e fein a’s fearr lamh air an stiuir,” ach cha
mho gur h-e.
Cha’n ionnsaich e clann, no leanabain,
Mar bu choir dha,
Gus am bi iad na’n daoin’ arsaidh
Fo ’n lan fheosaig,
BARD GAELACH.
Cha tugadh an Cillmocheallaig
Breath bu chlaoine,*
No ni rinn an ceann a b’ aird’,
A’ mas ’ga dhioladh.
Gabhail do chrios an aois arsaidh,
Air mas sean-duin’,
’S fada ma’n ionnsaich an guiomh sin
Ciall do theangaidh,
Ge be labhras ris an fhear ud,
Coir, no ea-coir,
Gabhar air a ghiort’ de stracaibh,
Le crios feilidb.
Labhairt—Agus b’fhior do’n duine sin, cha
d’fhuaireadh riamh rud a dh’ionnsachadh teanga
droch mhuinte, bu mheasa na gabhail air na
masan ann an aobhar na teanga, agus an teanga
thuigsinn gur h-ann na h-aobhar fein a fhuair am
mas am mor-ghleusadh sin. Mar deanadh sin a
ciall ni bu mheasa, cha deanadh e idir ni b’fhearr
i. Uaith sin a dubhradh—“ Am fear nach ionn¬
saich laimli ri ghlun, cha’n ionnsaich laimh ri
uilean.”
A chuideachd da’m bu choir bhi diamhair,
’S a ghna’m falach,
Cha d’fhagadh da’n dion bho chunnart,
Sion de dh’ earradh,
Bha iad aon uair an lathair fianais,
An taigh greusaich.
Dubhairt nighean Shomhairlef
Le rabhart, sa gnas siomhailt,
’S coir gu’m beannaich sinn gu saibhear,
Cuid gach Criosduidh.
B’fhearr learn ge nach eil mi maoineach,
No luach gearrain,
Gu’m biodh coltas do thriuir
Gu turn aig Calum.j:
Labhairt—’S e aobhar thug do’n mhnaoi
bheusaich, cheart, choir, so a radh, a run deagh
chneasta, chum gu’m biodh aig a fear fein a
leithid, sa bhiodh aig a nabaidhean ; ’s nach suil
ghointe, no lombais, a bh’ aic air cuid a coimh-
earsnaich. Mar bh’aig Gillebride Mac-an-
t-Saoir ann an Ruthaig, an Tirithe, a mhort
an ceithir-tichaid cearc le aon bheum-sula, ’s a
bhris long mhor nan cuig crannag, a dhaindeoin
a cablaichean sa h-acraichean Uaith a sin a
dubhradh—“ Sann de’n cheaird a chungaidh.”
Tha bith ur an tir na Dreollainn,
A thog am Baron,
Air gach aon fhear a labhras buna-chainnt,
Rusgadh feamain,
Ma sgaoileas air feadh gach tire,
Am bith thog Tearlach,
* See note, page 38. f The shoemaker’s wife.
X The shoemaker who had no children.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence