Skip to main content

‹‹‹ prev (139) Page 59Page 59

(141) next ››› Page 61Page 61

(140) Page 60 -
60
SAR-OBA1R NAM BARD GAELACH.
Bu tu’n t-iubhair as a choille,
Bu tu?n darach dainghean laidir,
Bu tu’n cuileann bu tu’n dreaghunn,
Bu tu’n t-abhall molach blath-mhor,
Cha robh meur annad do’ chritheann,
Cha robh do dhlighe ri fearna,
Cha robh do chairdeas ri leamhan,
Bu tu leannan nam ban aluinn.
Bu tu ceile na mna priseil,
’S oil leam fhin ga dith an drasd thu,
Ge d’ nach ionnan dhomhsa is dhl-se
’S goirt a tha mi-fhln ma caradh,
H-uile bean a bhios gun cheile,
Guidheadh i Mac Dhe na aite,
O ’s e’s urrainn bhi ga comhnadh,
Anns gach leon a chuireas cas oirr\
*******
******
*******
* * * * * * f
Guidheam do mhac bhi na t-aite,
’An saibhreas an aiteas’s an curam,
Alasdair a Gleanna- Garadh,
Thug thu ’n diugh gal air mo shuilean.
THA Ml AM CHADAL &c.
DO DH’ FHEACHD HIGH SEUMAS.
Gur diombach mi ’n iomairt,
Chuir gach fin’ air fogradh ;
Tha mi am chadal s na diiisgibh mi
Gun aighear gun eibhneas,
+ The above four lines are lost.
’S gu’n reiteach o Dheorsa ;
Tha mi am chadal’s na diiisgibh mi.
Gur h-ioma bean uasal,
Tha gu h-uaigneach na seomar,
Gun aighear gun eibhneas,
’S i ’g eiridh na h-onar,
Sior chaoidh na ’n uaislean,
A fhuair iad ri phosadh ;
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi.
Mo thruaighe a chlann,
Nach robh garni na ’n curaisde j
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi,
*N am bualadh na ’n lann,
An am na’m buileanan ;
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi.
Ge d’ tha sibh ’sa’n am,
Feadh ghleann a’s mhunainean,
Gu nochd sibh ’ur ceann
*N am teanndachd mar churaidhnean,
’Nuair thig Seumas a nail,
’Si bhur lann bhios fuileachdach.
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi.
’S e righ na muice,
’S na Cuigse, righ Deorsa;
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi,
Mu ’n tig oirnn an t-samhainn,
Bidh amhach’s na cordaibh ;
Tha mi am chadal’s na duisgibh mi;
Na ’n eireadh sibh suas,
Le cruadal a’s duinealachd,
Eadar islean a’s uaislean,
Thuath agus chumanta,
’S gu’n sgi&rsadh sibh uaibb e,
Righ fuadaiu nach buineadh dhuinn ;
Dheauainn an cadal gu sunndach Icibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence