Skip to main content

‹‹‹ prev (123) Page 43Page 43

(125) next ››› Page 45Page 45

(124) Page 44 -
Luchd ua ’m peighinnean talmhaidh,
’S tu dh fhaodadh earbs’ asd gu daigheann ;
Cha ’n eil iad beo do shliochd Cholla,
Na ni ’n comunn ud aithris.
Gur a h-ioma fear goirseid,
Gunna stoilte, ’s lann du-ghorm ;
Le ’ii gunnaiohean caola,
’S na daormuinn ga ’n giulan :
Mac-Laomuinn’s Mac-Lachuinn,
’S Mac-an-Ab o Ghleanu-Dochart,
Mac-Neachduinn, ’s Mac-Dhughaill,
’S Mac-lain-Stiubhaii’t o ’n Apuinn.
Cha ’n iongnadh thusa bhi fiamhach,
’N taobh sbios do Bhun-atha ;
Ged theid Duimhnich gu ’n dicheall,
’S gu dideann a chlaidheimh ;
’S leat na thubhairt mi chianamh,
Ceart cho direach ri saighead ;
’S leat Mac-Ionmhuinn an t-Stratha
Agus da Mhac-’Illeain.
’S fearr leam fhaicinn na chluinntinn,
Gu ’n do stad a chuimh air am muineal ;
Nis o ’n thionndaidh a chuibhle,
’S fad bhios Duimhnich gun urram ;
! Ged a Shaoil le Mac-Cailein,
! E bhi na bharraich air Muile ;
B’ fhearr dha chumail na bh’aige,
Na bhi ’g agradh air tuille.
Na’m biodh fear a bheoil mhoir aim,
O nach doirteadh gloir bhreamais !
Naile chailleadh sibh geoigh ris,
Nach b’ fhiach an rostadh ri teallaich :
i Fhuair sibh sgapadh nan caorach,
Na’m biodh a dhaoine air an talamh ;
i ’S ged a ghlac sibh le foill e,
B’ e fhein an saighdear bu ghlaine.
Gur mairg a dh’ earbadh a cairdeas,
Neach a dh-fhas dheth an t-sloinneadh,
Na’m biodh cuimhn’ air an lath’ ud,
1 Fhuair iad t-athair fo ’n comas ;
Chuir iad smuid ri tur-arda,
Chaisteil Bhlair gu gle shoilleir ;
’S beag bha dhochas an la sin,
Gu’m biodh iad paighte na ’n comainn.
’S mor tha eadar dha latha,
Ged bha e grathunn gun tighinn ;
I Chaidh thu ’n cuirt na bu leatha,
’N deigh t-athar a mhilleadh ;
Gun aon bhuille claidheamh,
Gun sathadh biodaig no sgine ;
Mur gu’m bath ad h tu coinn lean,
Chaill e n oighreachd ’sa ’n cinneach.
’S beag a b’ fhiach do Mhac Mhoinch,
Dhol u’ ur coinneamh ach ainneamh ;
Na ghabhail mar chompach,
Ach fear da ’n geallt’ bhi na charaid ;
’N deigh a Chomasdair Stiubhairt,
Thain’ sibh ’n tus air le h-an-iochd,
Thugadh an ceann deth gun sgrubadh,
Ann an tir Lady Murray.
Buail an teud sin gu sealbhach,
’S na dean searbh i gun bhinneas ;
’S na toil* t-aghaidh neo-chearbhach,
Do ’n fhear nach earb thu do shlinnein;
Ma chuir an righ an t-slat sgiursaidh,
’N glaic do dhuirn gun a sireadh ;
Uair mu seach air an fhurnais,
Mur bhuill’ uird air an innein.
Gloir do ’n Righ th’ air a chathair,
’S mairg a ghabhadh mun chluinneadh ;
No ghuidheadh na bhreig e ;
Gach ni dh-eirich sa chunnaic ;
Mu’s arm le droch-bheart ludais,
Dh-fhuaigh thu chlud air an Lunnaiun ;
Chaill thu ’n luireach’s na breidean,
’S gach aon eideadh bha umad.
’N cuala’ sibhse ’sa ’n duthaich,
’N ranntar-buth bh’ aig na luchan ;
’S iad a trusadh ri cheile,
Na ’n droch reisemeid churta ;
’Nuair bha eagal a chait orr’;
Chaidh droch sgapadh an cuid diu ;
’Sa bheisd mhor ’sa ’n robh phlaigh dhiu,
Sgrios gun agh oirr’ mar fhurtachd.
Sin ’nuair labhair Dubh-na-h-amrai,
A bheisd ghrannd ’sa chrain mhullaich ;
Cha robh an sabhal nan ath dhiu,
Beisd le ’n al nach do chruinnich,
Nuair bha’m mod ga ’r cruaidh sharach’
’S na cuird a fasgadh ma ’r muineil;
’S ann an sud a bha ’n gatur,
Co a charadh iad umaibh.
B’ ionann sin sa’m bun rutha,
Cha ’n eil iad buidheach da’ r ’n an-iochd ;
Mar chlach an ionad an uibhe,
Na’m biodh luitheachd na ’n teangaidh ;
B’ ionann sin ’s do shliochd Dhiarmaid,
Bhi ga ’r biadhadh an an-iochd ;
Math an agaidh an uilc,
Chuir mi luchd-sa ’n Aird-reanaich.
’Nuair bha ’n ad oirbh n-uiridh,
Bha sibh urranta modhar ;
Am blaidhna chaill sibh an currachd,
’S eiginn fuireach gle shamhach:

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence