Skip to main content

‹‹‹ prev (98) Page 18Page 18

(100) next ››› Page 20Page 20

(99) Page 19 -
A’ CHOMHACHAG.
19
Ma dh-fhagadh Domhnull a muigh,
Na aonar a’ taigh na’ fleagh,
S gearr a bhios gucag air bhuil,
Luchd a chruidh bi’dh iad a staigh.
Mi’m shuidh air sith-bhruth nam beann,
A coimhead air ceann Locha-Treig,
Creag ghuanach am biodh an t-sbealg,
Grianan ard am biodh na feidh.
Chi mi na Du-lochain bhuam,
Chi mi Chruach, a’s Beinne-bhreac,
Chi mi Srath-Oisein nam Fiann,
Chi mi ghrian air Meall-nan-leac.
Chi mi Beinn-Neamhais gu h-ard,
Agus an carn-dearg ri bun,
A’s coire beag eile ri taobh,
Chit’ as monadh faoin a’s muir.
Gur rlmheach an coire dearg,
Far’m bu mhiannach leinn bhi sealg,
Coirre nan tulaichean fraoich,
Innis nan laogh’s nan damh garbh.
Chi mi braidh Bhidean-nan-dos,
'N taobh so bhos do Sgurra-lidh,
Sgurra- chdinntich nan damh seang—
lonmhuinn learn an diugh na chi.
Chi mi Srath farsuinn a chruidh,
Far an labhar guth nan sonn,
A’s Coire creagach a mhaim,
A’ minig a thug mo lamh toll.
Chi mi Garbh-bheinn nan damh donn,
Agus Slat-bheinn nan tom sith,
Mar sin agus an Leitir dhubh,
S an trie a rinn mi fuil na’ frith.
Soraidh gu Beinn-allta bhuam,
O’n’s i fhuair urram nam beann,
Gu slios Loch-Earrachd an fheidh,
Gu’m b’ionmhuinn leam fein bhi ann.
Thoir soraidh uam thun an Loch’,
Far am faicte ’bhos a’s thall,
Gu uisge Leamhna nan lach,
Muime nan laogh breac’s nam meann.
’S e loch mo chridhse an loch,
An loch, air am biodh an lach.
Agus iomadh eala bhan,
’S bh’idh iad a snamh air ma seach,
Olaidh mi a’ Tr6ig mo theann-shath,
Na dheidh cha bhi mi fo mhulad,
Uisge glan nam fuaran fallan,
O’n seang am fiadh a ni ’n langan.
’S buan an comunn gun bhristeadh,
Bha eadar mise’s an t-uisge ;
Siigh nam mor bheann gun mhisge,
’S mise ga 61 gun trasgadh.
’S ann a bha ’n communn bristeach,
Eadar mise’s a Chreag-sheilich,
Mise gu brath cha diricb,
Ise gu dilinn cha teirinn.
On labhair mi umaibh gu leir,
Gabhaidh mi fhein dibh mo chead,
Dearmad cha dean mi s an am,
Air fiadhach ghleann nam beann beag.
Cead is truaighe ghabhadh riabh,
Do ’n fhiadhaicb bu mhor mo thoil,
Cha ’n fhalbh le bogha fo m’ sgeith,
’S gu la-bhrath cha leig mi coin.
Tha blaidh mo bhogha ’n am uchd,
Le agh maol, odhar is ait,
Ise ceanalt’s mise gruamach,
’S cruaigh an diugh nach buan an t-shlat.
Mis’ a’s tusa ghadhair bhain,
’S tursach air turas do ’n eilean,
Chaill sinn an tathunn a’s an dhn,
Ge d’ bha sinn grathunn ri ceanal.
Thug a choille dhiot-s’ an earb’,
’S thug an t-ard dhiom-sa na feidh,
Cha n eil naire dhuinn a laoich,
O’n laidh an aois oirnn le cheil’.
’Nuair a bha mi air an da chois,
’S moch a shiubhlain bhos a’s thall,
Ach a nis on fhuair mi tri,
Cha ghluais mi ach gu min, mall.
Aois cha n’eil thu dhunn meachair
Ge nach feudar leinn do sheachnadh,
Cromaidh tu ’n duine direach,
A dh’ fhas gu mileanta gasda.
Giorraichidh tu air a shaoghal,
Agus caochlaidhidh tu ’ chasan,
Fagaidh tu cheann gun deudach,
’S ni thu eudann a chasadh.
A Shinead chas-aodannach, pheallach,
A shream-shuileach, odhar, eitidh,
Cia ma ’n leiginn leat a lobhair ?
Mo bhogha toirt dhiom air eiginn.
O’n’s mi-fhin a b’ fhearr an airidh,
Air mo bhogha ro-math iubhair.
No thusa aois bhothar, sgallach,
Bhios aig an teallach ad shuidhe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence